From Wikipedia, the free encyclopedia
Rugadh Manuel Antonio Sanclemente Sanclemente ann am Buga, anns an roinn Valle de Cauca an latha an-diugh, 19mh an t-Sultain 1813 agus dh’eug e ann an Villeta, Cundinamarca, 19mh am Màrt 1902. ‘S e stàitire, oide, fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia[1] a bh’ann agus bha e na Chean-suidhe[2][3] Choloimbia eadar 1898 agus 1900. Thoisich Cogadh na Mìle Làithean nuair a bha e na cheann-suidhe. A bharrachd air sin tha e ainmeil leis gur e an duine na b’aosda a thug an ceannas os làimhe a-riamh, aig 84 bliadhna a dh’aois.
Manuel Antonio Sanclemente | |||
---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1898 - 31 dhen Iuchar 1900 ← Miguel Antonio Caro Tovar - José Manuel Marroquín → | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Manuel Antonio Sanclemente Sanclemente | ||
Breith | Buga, 19 dhen t-Sultain 1813 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Villeta, 19 dhen Mhàrt 1902 | ||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-lagha, neach-poileataigs agus luchd an airm | ||
Seirbheis san arm | |||
Strì | Cogadh Catharra Choloimbia | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | National Party (Colombia) (en) |
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig Oilthigh a’ Chauca ann am Popayán,[4] far an tug e dotaireachd ann an lagh ann an 1837. An uair sin bha e an sàs ann an caochladh dhreuchdan ann an siostam a’ cheartais agus a bharrachd air sin chaidh e a thaghadh chun an àrd-chùirt a’ cheartais ann an 1854. Dh’obair e anns an lagh agus an oideachas, is bha e na cheann na sgoile Colegio de Buga.
Chaidh an dotair Sanclemente a thaghadh iomadh thuras chun a’ mhòr-dhàil mar riochdaire agus seanadair airson a’ Chauca is e ball a’ Phàrtaidh Tòraidh. Thionndaidh e gu ruige an riaghaltas fhèin ann an 1857 nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez na Rùnaire an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) agus a’ chogaidh. Le sin, b’ fheudar dhàsan an cogadh sìobhalta dhe 1860 a làimhseachadh, cogadh a thoisich anns na stàitean dhe Cauca, Santander agus Bolívar agus a sgaoil a-mach air feadh na dùthcha le sabaidean cudriomaiche ann an Oratorio, Manizales, Segovia, La Barrigona, Subachoque, El Rosal, Usaquén agus Bogotá.
Thug Sanclemente pàirt uabhasach dlùth anns a’ chòmhraig ann an Santander còmhla ris a’ cheann-suidhe Ospina Rodríguez, agus bha e an sàs anns a’ bhlàr aig El Oratorio. Thug na reubaltaich thairis Bogotá, prìomh-bhaile a’ Cho-chaidreachais Ghranada 18mh an t-Iuchar 1861; chuir iad an an ceann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez an greim còmhla ris a’ Chaibineit aige, Sanclemente na measg. An dèidh na triobleanan sin, chaidh e thall thairis na fhògarrach ann am Panama, ach an ceann iomadh bhliadhna thill e dhan dùthaich aigese fhèin far an d; fhuair e fàilte chridheil agis an uair sin chaidh e air ais chun a’ Mhòir-dhail.
Ann an 1898 fhuair e taic bho n cheann-suidhe Miguel Antonio Caro Tovar, leis gu robh e air a bhith na mhinistear an Riaghaltais fodha airson greiseag bheag. Bha Caro Tovar airson smachd a chumail air an riaghaltas tron bhodach sin a bhiodh na cheann-suidhe (chàineadh iad an aois aige fad an iomairt). Chuir Sanclemente ruaig air tagraiche nan Libearalach Miguel Samper, ach chan urrainn dhàsan a dhol bho Bhuga gu Bogotá airson a’ chinneas a ghabhail os làimhe 7mh an Lùnasdal, leis nach robh e slàn fallain idir. Chaidh an leas ceann-suidhe José Manuel Marroquín a chur an àite aige; b’ urrainn dhàsan fhèin Bogotá a ruigsinn 3 an t-Samhain agus thug e an ceannas os làimh, ach dìreach an uair sin thug e an riaghaltas leisesan gu Villeta, baile a bha cho freagarrach dhàsan, a bha glè thinn, air sgàth gu bheil e suidhichte gu math faisge air ìre na mhara.
Dìreach bho toiseach tòiseachaidh an teirm aige, b’ fheudar dha Sanclemente a sheasamh mu choinneamh fìor dhroch dhùbhlain a’ Phàrtaidh nan Libearalach agus dubh chàineadh bhon bhuidheann ris an canadh am Pàrtaidh Tòraidh traidiseanta(am Pàrtaidh Nàiseanta Choloimbia), ged is ann às na Tòraidhean Tòraidhean Nàiseantaich a bha Sanclemente, leis an leas ceann-suidhe Marroquín os cionn na Tòraidhean dùbhlanaich. Thoisich Cogadh na Mìle Làithean ann an 1899 leis a’ Phàrtaidh Libearalach a’ sabaid an aghaidh an Riaghaltais. Cho-dhùin an leas ceann-suidhe Marroquín an ceann-suidhe Sanclemente a chur às a’ chathair leis cho cugallach ‘s a bha an dùthaich, rud a thachairt an 31mh an t-Iuchar 1900.
Chaidh Sanclemente a chumail an greim is e na phrìosanach ann an dòigh uabhasach mì-shuairc anns an eaglais ann an Villeta, far an do bhàsaich e an ceann dà bhliadhna.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.