Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
Rugadh Clímaco Calderón Reyes ann an Santa Rosa de Viterbo, Boyacá, Coloimbia, 23mh an Lùnasdal 1852 agus chaochail e ann am Bogotá 19mh an t-Iuchar 1913. B’ e fear-lagha, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs a thug ceum bhon Cholaiste (a-nis Oilthigh) Nuestra Señora del Rosario, bha e an sàs ann an iomadh bhuidheann laghail agus Àrd-Cùirt A’ Cheartais, bha e na mhinistear an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) agus na Dùthchannan Cèin, agus chaidh a dh’ainmeachadh consal ann an Eabhraig Nuadh agus a bharrachd air sin bha e na neach-ainmichte gu ceannas na poblachd agus an uair sin bha e na mhinistear làn-ùghdarach (tosgair) anns na Stàitean Aonaichte. Stiùireadh e an irisleabhar “La América” rè mòran bhliadhna. Sgrìobh e leabhraichean cudromach mu dheidhinn an eaconamaidh agus fhuair cliù mar sàr òraidiche. Fhad ‘s a bha e na Fhiosgal Coitcheann na Nàisein, shuidhe e anns a’ chathair bho 21mh gu 22mh an Dùbhlachd 1882, air sgàth gun do bhàsaich an ceann-suidhe Francisco Javier Zaldúa. Thug e sealbh air a’ chinneas[1]. ri beulaibh na luchd-fianais Hermógenes Wilson (cathraiche an Àrd-chùirt) agus Pedro José Sarmiento (Ceannard Airm Nàiseanta Choloimbia). 'S e an teirm a' chinneas a bu ghiorra ann an eachdraidh na dùthcha a bh'aige.[2] Phòs e Amelia Pérez Triana, nighean Santiago Pérez de Manosalbas, seann cheann-suidhe na dùthcha.
Clímaco Calderón | |||||
---|---|---|---|---|---|
21 dhen Dùbhlachd 1881 - 22 dhen Dùbhlachd 1881 ← Francisco Javier Zaldúa - José Eusebio Otálora →
27 dhen Dàmhair 1904 - 1 dhen Ògmhios 1906 - Alfredo Vázquez Cobo (en) → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Santa Rosa de Viterbo, 23 dhen Lùnastal 1852 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 19 dhen Iuchar 1913 | ||||
Foghlam | |||||
Foghlam | Oilthigh an Rosario | ||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | dioplomat, neach-lagha agus neach-poileataigs | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.