Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e José Eusebio Otálora Martínez neach-poileataigs, saighdear fear-lagha agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia. Rugadh e ann am Fómeque, Cundinamarca, air 16 an Dùbhlachd 1826, agus chaochail e ann an Tocaima, Cundinamarca air 8 an Cèitean 1884.[1] ‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalach a bh' ann agus a bharrachd air sin bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1882 agus 1884.[1][2]
José Eusebio Otálora | |||
---|---|---|---|
22 dhen Dùbhlachd 1882 - 1 dhen Ghiblean 1884 ← Clímaco Calderón - Ezequiel Hurtado → | |||
Beatha | |||
Breith | Fómeque, 16 dhen t-Sultain 1826 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Tocaima, 8 dhen Chèitean 1884 | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh an Rosario | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | dioplomat, neach-poileataigs agus neach-lagha | ||
Seirbheis san arm | |||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||
Strì | Cogadh Catharra Choloimbia | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
‘S e mac tuathanach is neach-malairt Basgach agus a bhean à Boyacá. Chaill an teaghlach an oighreachd ann am Miraflores (Boyacá) leis gur e Rìoghailtear a bh' ann athair agus le sin b’ fheudar dhuibh a dhol gu Fómeque. Fhuair e a chuid fhoghlam aig an sgoil agus aig an oilthigh ann am Bogotá, agus thug e ceum ann an lagh bho Oilthigh an Rosario ann an 1852. An uair sin thoisich e an sàs anns a’ phoileataigs mar bhall pàrlamaid na Roinne Bogotá, ach leig esan an dreuchd sin an ceann corra mhìos, nuair a chaidh e gu Guateque an ath-bhliadhna.
Bha e na bhall Còmhdhail na Roinne Boyacá bho 1855, bliadhna na bainnse aige, is e na tàmh ann an Guateque. Bha e na riochdaire na Stàit aige aig a’ Cho-Chruinneachadh dhe Rionegro ann an 1863 agus leigeadh e seasamh air co-chothrom agus còrdachadh eadar buidhnean radaigeach agus meadhanach a’ phàrtaidh. Chaidh e gu Seòmar nan Riochdairean an ath-bhliadhna, far an robh e gu ruige 1868. Chaidh e a dh’ainmeachadh consal gus an Eadailt ann an 1870 is an uair sinn ann am Breatainn gus a thill dhan dhùthaich ann an 1875 far an do shabaid e anns a’ chogadh sìobhalta ri taobh nan Libearalach. B’ urrainn dhàsan àrdachaidhean armachd fhaighinn, leis gu robh e an sàs anns na cogaidhean sìobhalta, a thoisich ann an 1854, gu ruige a bhith na Sheanailear ann an 1877. Chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe Stàit na Boyacá an aon bhliadhna, is le sin dh’fhàs e ainmeil aig ìre nàiseanta is e ga thaghadh a-rithist gu ruige 1882, nuair a dh’ainmich an ceann-suidhe Rafael Núñez Rùnaire an Ionmhais e.
Chaidh Nuñez (a bha a’ leigeil a’ chinneas) agus Otálora (a bha na mhinistear) a thaghadh mar a’ chiad agus an dàrna neach-ainmichte aig taghaidhean a’ chinneas anns an Dùbhlachd 1882, a bhuannaich Francisco Javier Zaldúa. Nuair a dhiùlt Núñez an dreuchd, thug José Eusebio Otálora ceannas na dùthcha os làimhe. ‘S e Riaghaltas adhartach libearalach a bh’ aige, a chrìochnaich air 1 an Giblean 1884. Chaidh brosnachadh a thoirt dhan a’ chòmhdhail fad 's a bha e anns an dreuchd, leis gun do deach mòran lìonra rèile aig ìre nàiseanta a choileanadh.
Chuir na Libearalaich Radaigeach an tairgse tagraiche a’ chinneas dhàsan ro na taghaidhean ann an 1884, ach dhiùlt e sin air sgàth gu robh e dìleas dha na neo-eisimeilich meadhanach, le Núñez os a cionn, is le sin fhuair e fuath nan Radaigeach. Dh’fhàg Radaigich a’ Chomhdhail air gu robh cleachdaidhean mì-riaghailteach ann nuair a bha e os cionn an Riaghaltais (nach robh ceart idir). Dh’fhulaing e taomadh-fala anns a’ cheann dìreach nuair a bha a’ cur an dìon aige air dòigh. Bhàsaich e anns an oighreachd aige ann an Tocaima, nuair a mothaich e na casaidean a bha feadhainn a’ creidsinn. Chaidh na casaidean sin a dhiùltadh an ceann greiseag.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.