Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann Fómeque. Tha e suidhichte dìreach ann am meadhan na dùthcha aig 1,895m os cionn ìre na mara 56km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann am Fómeque, agus tha teodhachd meadhanach dhe 18˚ aige. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1543.
Fómeque
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
[[Faidhle: |300px]] | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Sgìre | Sgìre an Ear | ||||
Àirde | 1895m | ||||
Co-chomharran | 04' 29' 16' Tuath 73° 53' 51' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 555 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 12,157 (2005) | ||||
Dlùths | 21.9/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile |
Tha 12,157 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 8,056, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh gu math traidiseanta a th' ann an seo.
Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Fómeque, ach tha 24.12% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 91.5% dhe na daoine ann an Fómeque leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 20.4% dhe na dachannan.[5]
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am Fómeque. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir 's tha beairteas cultarail na dùthcha.
José Eusebio Otálora (1826 - 1885): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1882 agus 1884.
Miguel Abadía Méndez (1867 - 1947): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1926 agus 1930.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.