Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e Diego Euclides de Angulo Lemos (Popayán, 12 an t-Samhain 1841 - Funza, 14 an Gearran 1917) saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia, a bha na Cheann-suidhe Choloimbia bho 9mh am Màrt 1908 gu ruige 14mh an Giblean 1908 air sgàth gu robh an ceann-suidhe Rafael Reyes air dhìth greiseag.[1]
Diego Lemos | |||
---|---|---|---|
9 dhen Mhàrt 1908 - 14 dhen Ghiblean 1908 ← Rafael Reyes - Rafael Reyes → | |||
Beatha | |||
Breith | Popayán, 12 dhen t-Samhain 1841 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Funza, 14 dhen Ghearran 1917 | ||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | saighdear agus neach-poileataigs | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
‘S e an treas dhe dusan chloinne a fhuair Miguel Wenceslao de Angulo Díaz del Castillo agus Antonia Lemos Largacha a bh’ann. Phòs e an baintighearna Adelaida Buchelli Valencia, nighean Serafín Buchelli Villota agus Dominga Valencia Quijano, à Pasto.
Thoisich e mar shaighdear ann an 1860, airson an Riaghaltas laghail a dhìon ann an cogadh sìobhalta ga thòiseachadh leis an t-Seanailear Mosquera a bha airson an Riaghaltas fhaighinn tro ainneart. Dh’fhàilnich iad ach fhuair esan fhèin mathanas-coitcheann agus lean e ann an airm na Stàitean Aonaichte Choloimbia.[2] Bha e an sàs ann an ruaig armachd ùr ann an 1876 agus b’ fheudar dhàsan a theiche gu Eacuador. An ath bhliadhna ann an Túquerres, thug e taic dhan ar-a-mach gun do chuir Antonio Borrero, an t-seann cheann-suidhe na h-Eacuador, air dòigh an aghaidh Riaghaltas na dùthcha airson a thilleadh dhan dhùthaich gus an cumhachd fhaighinn. Rinn e caismeachd tro Chumbal gu ruige Ibarra ach nuair a ràinig e agus na feachdan aige an t-àite ris an canar Quebrada Oscura, thug na feachdan aig a’ Chòrnaileir Rafael Arellano Del Hierro, Ceannard Roinnean an Tuatha, ionnsaigh orra agus chuir iad teicheadh orra gu ruige Panán far an do chuir e ruaig air. An dèidh sin, dhìon e an riaghaltas aig José María Plácido (1883 - 1888) ann an Eacuador.
Thill e a Choloimbia airson dreuchd fhaighinn mar fhiosgal aig Taigh na Cùirte ann am Pasto. Thoisich e anns an airm as ùr agus lorg e an rang dhe Seanailear 22 an Lùnasdal 1890. Bha e na chathairiche Mòr-dhail nan Riochdairean ann an 1898. Ghluais e gu Bogotá aig toiseach tòisichidh na 20mh linne airson am pàipear-naidheachd El Colombiano a chuir air bhog.
Thug e air Ceannas na Poblachd 14 an Giblean 1908 oir bha an ceann-suidhe fhèin air dhìth airson greiseag. Fhad ‘s a bha e na dhreuchd dh’ainmich e Baldomero Sanín Cano mar leas ministear a’ Mhaoineachaidh, is dh’obair esan mar fho-rùnaire.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.