Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e eaconomaiche, Innleadair, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann am Virgilio Barco Vargas, Cúcuta, 17 an t-Sultain 1921 - Bogotá, 20 an Cèitean 1997).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1986 gu ruige 1990. Phòs e aig Mary Caroline Isakson à York (Pennsylvania) ann an 1950 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] 'S e boireannach uabhasach beairteach a bhuineadh do theaghlach bho thall thairis a bh’ innte: bha athair an lùib gnothach a' pheatrail airson companaidh mhòr às Na Stàitean Aonaichte. Chaidh Barco Vargas dhan Oilthigh Nàiseanta Colombia anns a' chiad dol a-mach agus an ceann bliadhaichean chaidh e do MIT agus Oilthigh Boston.
Virgilio Barco Vargas | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1962 - 5 dhen t-Sultain 1962
1966 - 1969
7 dhen Lùnastal 1986 - 7 dhen Lùnastal 1990 ← Belisario Betancur Cuartas - César Gaviria Trujillo → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Cúcuta, 17 dhen t-Sultain 1921 | ||||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||||
Bàs | Bogotá, 20 dhen Chèitean 1997 | ||||||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Cèile | Carolina Isakson Proctor (en) | ||||||||
Clann | |||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam |
Oilthigh Nàiseanta Colombia Massachusetts Institute of Technology Oilthigh Bhoston School Sacred Heart of Jesus (en) | ||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | einnseanair-thogalach, dioplomat, einnseanair agus neach-poileataigs | ||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||
Creideamh | |||||||||
Creideamh | Caitligeachd | ||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia | ||||||||
virgiliobarco.com |
B' e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a bh’ ann am Barco Vargas agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an Durania ann an 1943, nuair a bha e dìreach 22 bliadhna a dh'aois agus ann an Cúcuta fhèin ann an 1947. Chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid ann an 1949 ach b' fheudar dha an dùthaich fhàgail ann an 1950 o chionn ’s cho cunnartach 's a bha an suidheachadh aig àm cogadh sìobhalta eadar an dà phàrtaidh mhòr. 'S ann thall thairis a chuir e crìoch air a chuid fhoghlaim. Dh' ionnsaich e fo dhithis ollamh a gheibheadh an Duais Nobel an ceann bliadhnaichean: Robert Solow agus Paul Samuelson.[3]
Thill e dhan dùthaich aige fhèin ann an 1954 agus an ceann ceithir bliadhna, ann an 1958, chaidh a thaghadh dhan t-Seanadh. Bha e na Mhinistear na h-Obrach Phoblach eadar 1958 agus 1960 fo Alberto Lleras Camargo, na Rùnaire na Stàite bho 1962 agus 1963 agus an uair sin na Mhinistear an Àiteachais eadar 1963 agus 1964 fo Guillermo León Valencia.[4] A bharrachd air sin bha e na thosgaire thall thairis dà thuras: ann am Breatainn (1961 - 1962) agus anns na Stàitean Aonaichte (1977 - 1980).[5] Nuair a bha e os cionn Riaghaltas na dùthcha rinne tòrr an aghaidh bhochdainn agus leasaich e an riaghaltas fhèin.[6] A dh'aindeoin sin, bha suidheachadh na Stàite gu math cugallach agus thug luchd-reic dhrogaichean droch bhuaidh mhòr air an dùthaich.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.