Carlos Holguín Mallarino

From Wikipedia, the free encyclopedia

Carlos Holguín Mallarino
Remove ads

B’ e saighdear, fear-lagha, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Tomás Carlos Holguín Mallarino (Nóvita, 11 an t-Iuchar 1832Bogotá, 19 an Dàmhair 1894).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1888 agus 7 an Lùnastal 1892. Buineadh Holguín do theaghlach Uachdaran Chocó, air an àirde an iar na dùthcha ri taobh a’ Chuain Shèimh. Bha a bhràthair, Jorge Holguín Jaramillo, na cheann-suidhe agus bràthair-màthar, Manuel María Mallarino, cuideachd.[2] Phòs e aig Margarita Caro Tovar.[3] B’ e piuthar Miguel Antonio Caro Tovar, ceann-suidhe cuideachd, a bh’ innte. Lean Caro Tovar e san dreuchd. Phòs a nighean Clemencia aig Roberto Urdaneta Arbeláez ann an 1917.[4]

Quick Facts ball Seanadh Choloimbia, Beatha ...
Remove ads

Chaidh e dhan Arm an dèidh an oilthigh agus bha e an lùib iomairtean an aghaidh an deachdaire José María Melo ann an 1854 a chuir crìoch air an Riaghaltas,[5] agus an uair sin an aghaigh Tomás Cipriano de Mosquera ann an 1863. Mu dheireadh thall bha e an sàs ar-a-mach an aghaidh Aquileo Parra Gómez ann an 1975 cuideachd. B’ e smuaintean agus dòighean ùra a dheidheadh an aghaidh nan Tòraidh a shabaideadh e a-riamh.

Remove ads

Iomraidhean

Loading content...
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads