Comhairle na Gàidhealtachd
From Wikipedia, the free encyclopedia
From Wikipedia, the free encyclopedia
Airson an roinn traidiseanta faic: Gàidhealteachd
'S e a’ chomhairle as motha de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle na Gàidhealtachd. Tha an cuid as motha dhith suidhichte air tìr mhòr na h-Alba far an robh na siorrachdan traidiseanta Gallaibh, Cromba, Inbhir Nis, Inbhir Narann, Siorrachd Rois Cataibh agus am pàirt san iar-thuath Earra-Ghàidheal. Tha a' chomhairle a' gabhail a-steach cuid de na h-Eileanan a-staigh cuideachd. Tha Comhairle Mhoireach, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain agus Earra-Ghaidheal agus Bòd timcheall oirre.
'S e Inbhir Nis prìomh-bhaile ionadail na chomhairle. Tha 80 ball air a' chomhairle.
Comhairlichean an dèidh dha na taghaidhean ionadail 2017:[1]
# | Uàrd | Comhairlichean |
---|---|---|
1 | Cataibh a Tuath, an Iar is Meadhanach | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1) |
2 | Inbhir Theòrsa is Iar-thuath Ghallaibh | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
3 | Inbhir Ùige is Gallaibh an Ear | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
4 | Cataibh an Ear & Eadardan | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (1) |
5 | Ros an Iar, Srath Pheofhair is Loch Aillse | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
6 | Caolas Chrombaigh | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2) |
7 | Baile Dhubhthaich is Ros an Ear | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1) |
8 | Inbhir Pheofharain & Sìophort | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1) |
9 | An t-Eilean Dubh | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1) |
10 | Eilean a' Cheò | Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1) |
11 | An Caol is Malaig | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1) |
12 | An t-Àird is Loch Nis | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
13 | Inbhir Nis an Iar | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1) |
14 | Meadhan Inbhir Nis | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1) |
15 | Inbhir Nis Taobh Nis | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1) |
16 | Inbhir Nis Allt a' Mhuilinn | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1) |
17 | Cùil Lodair is Àird nan Saor | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1) |
18 | Inbhir Narann is Caladar | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
19 | Inbhir Nis a Deas | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
20 | Bàideanach agus Srath Spè | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Uaine na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
21 | An Gearasdan is Àird nam Murchan | Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1) |
Tha Comhairle na Gàidhealtachd cho mòr ri 30.659 cileameatair cèarnagach agus bha 213.590 duine a’ fuireach an seo anns a’ bhliadhna 2005. Tha mu 12,000 luchd labhairt na Gàidhlig air fhagail anns an sgìre seo.
Buidseat bliadhnail (an duil 2007-2008) £518M. Luchd-obrach 10,800. Buidseat bliadhnail airson gach ceann sluaigh: £ 2409. Riochd Buidseat bliadhnail: Luchd-Obrach £48,000:1
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.