Comhairle nan Eilean Siar
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e comhairle ionadail a tha ann an Comhairle nan Eilean Siar a tha a' dèiligeadh leis na h-Eileanan Siar.
Comhairle nan Eilean Siar | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Poileataigs | |
Smachd | neo-eisimileach |
Sgìrean Phàrlamaid Westminster | Na h-Eileanan an Iar |
Sgìrean Phàrlamaid na h-Alba | Na h-Eileanan an Iar |
Roinn Phàrlamaid na h-Alba | A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 3,071 km² |
Àireamh-shluaigh | 28,000 (2010) |
Dlùths | 9.12/km² |
Duilleag oifigeil | http://www.cne-siar.gov.uk/ |
Eachdraidh
Chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh ann an 1975 leis an Achd Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973[1] as dèidh ath-òrdachadh air riaghladh ionadail agus nàiseanta a bha a' toirt na h-Eileanan an Iar gu lèir fon aon riaghladh. Fon an t-seann structair anns na h-eileanan bha naoi comhairlean ionadail le cumhachdan eadar-dhealaichte sna h-eileanan. B' iad Siorrachd Inbhir Nis agus na comhairlean sgìreil a bha a' stiùireadh ghnothaichean anns na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas, agus am Barraigh. Bha Siorrachd Rois is Chrombaidh, Comhairle Sgìreil Leòdhais agus Comhairle Baile Steòrnabhaigh a' riochdachadh chùisean ann an Leòdhas. Ri linn na bha ri dhèanamh bha 1974 mar bhliadhna uallachaidh airson an dreach ùr a bha seo a thoirt gu bith.
Poileataigs
Na taghaidhean ionadail 2017:[2]
# | Uàrd | Comhairlichean |
---|---|---|
1 | Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2) |
2 | Beinn na Foghla agus Uibhist a Tuath | Neo-eisimeileach (3) |
3 | Na Hearadh agus Ceann a Deas nan Loch | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1) |
4 | Sgìre Ùige agus Ceann a Tuath nan Loch | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (2) |
5 | Sgìre an Rubha | Neo-eisimeileach (3) |
6 | Steòrnabhagh a Deas | Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1) |
7 | Steòrnabhagh a Tuath | Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1) |
8 | Loch a Tuath | Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1) |
9 | An Taobh Siar agus Nis | Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1) |
Ceanglaichean a-mach
- BBC Naidheachdan 2016-07-13: CnES gus £5m sa bhliadhna a chall (Brexit)
- BBC Naidheachdan 2016-08-26: 30 bliadhna de dh'fhoghlam Gàidhlig (aithris-bhideo 2:03)
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.