Barraigh

From Wikipedia, the free encyclopedia

Barraigh

'S e eilean deasaich nan Innse Gall a tha ann am Barraigh neo Eilean Bharraigh. Tha ainm an eilein a' ceilearadh misionaraidh Èireannach dom b' ainm Fionn-Barr. A rèir traidisean, thàinig Fionn Barr gu h-Alba le Calum Cille. Is e eilean beag a tha ann, mu seachd mìle o cheann gu cheann.

Barraigh
Thumb
Sealladh air Bàgh a' Chaisteil
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre Comhairle nan Eilean Siar
Innis-mhuir Na h-Eileanan an Iar
Co-chomharran 56° 57′ 17″ T
7° 29′ 14″ I
Comharradh-clèithe NL665982
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,377.5 km²
Àireamh-shluaigh 1,174 (2011[1])
Dlùths 0.49/km²

Tha cala math aig Bàgh a' Chaisteil air taobh deas an eilein, far a bheil lamraig le alt-aiseig. Tha am bàgh ainmichte airson Caisteal Chiosmuil, seann chathair MhicNèill.

Seòlaidh bàta-aiseig dhan Òban, 3 uiread 's seachdain rè a' gheamhraidh.

Is e àireamh-sluagh an eilein 1174 ceann daoine, an cuid as motha dhaibh nan Caitligich. Tha 761 nan luchd-labhairt na Gàidhlig (62%) a' fuireach anns an eilean.[2]

Rinn Compton Mackenzie am film Whisky Galore ann am Barraigh. Chaidh a thìodhlacadh ann an Eòlaigearraidh.

Tachartasan

Thòisich fèis ann am Barraigh ann an 1981, Fèis Bharraigh. Bha am fèis cho soirbheachail 's gun deach fèisean eile a chur air dòigh air feadh Alba.

Thòisich rèis ris an canar am 'Barrathon' ann an 2000. 'S e an t-astar leth-mharathon a' dol timcheall an eilein. [3]

Siubhal

’S e an Tràigh Mhór ann am Barraigh an aon tràigh air an t-Saoghal a thathar a’ cleachdadh mar raon-laighe le clàr-àma stéidhte - ged a tha sin a’ leantainn rabhart agus conntraigh.

Bratach Bharraigh

Thumb
Bratach Bharraigh

Chaidh bratach Bharraigh, crois geal air uaine, aithneachadh leis a' Morair Lìomhainn, an Rìgh Seanchaidh ann an 2017.[4]

Daoine ainmeil

  • Rugadh agus a thogadh Flòraidh NicNèill, seinneadair Gàidhlig ann an Eilean Bharraigh.
  • Tha Catrìona Nic a' Phì, seinneadair Gàidhlig eile, às an eilean cuideachd.[5]

Sgrìobhaidhean mun eilean ann an Gàidhlig

  • Mac a' Mhaoilein, An t-Athair Urr. Iain (1938). 'Barraidh', ann an Am Measg nam Bodach. Glaschu: An Comunn Gaidhealach. dd. 106-112.

Clàraidhean

  • 'Disappearing Island An-diugh' BBC Gàidhlig airson MG Alba MMIX. Stiùiriche: Cailean MacLeòid. 60 mionaidean. A' chiad chraoladh Diluain 4 Faoilleach 2010.[6]
Sealladh air mar a tha Eilean Bharraigh an-diugh, an coimeas ri prògram a rinn Magnus Magnusson ann an 1964 mun eilean.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.