Bun Ilidh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e baile ann an Cataibh an Ear a tha ann am Bun Ilidh[1] (Beurla: Helmsdale). Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Lochlannaich aig inbhir Abhainn Ilidh (Beurla: River Helmsdale).
Anns an 19mh linn b’ e baile iasgach a bha ann. Thàinig e gu bith mar thoradh fuadaichean Chataibh. A rèir an Old Statistical Account[2] chaidh am baile a thogail ann an 1816 às dèidh Goillspidh agus Brùra gus àite-fuirich agus cothroman cosnaidh a chruthachadh do na daoine às na sgìrean a bha air am fuadachadh.
Chaidh am port a thogail ann an 1818. B’ àbhaist aon de na cabhlaichean as motha anns an Roinn Eòrpa a bhith an seo. B’ e sgadan an t-iasg a bu chudthromaiche a chaidh a glacadh an seo.
Tha ionad-dualchais ann ris an canar: Timespan Heritage Centre.[3] Tha taisbeanadh ann mu eachdraidh a’ bhaile agus rudan a rinn an luchd-ealain às an àite fhèin. Cuideachd tha fiosrachadh ann mun “gold rush” ann an 1869. S' urrainnear òr a lorg fhathast ann am Baile an Òir ann an Cill Donnain faisg air Bun Ilidh.
Tha stèisean-rèile ann air Loidhne a' Chinn a Tuath eadar Brùra agus Cill Donnain.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.