From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Seannduaig (Beurla: Shandwick).[1] Tha am baile suidhichte faisg air Baile Dhubhthaich ann an Ros an Ear. 'S e sin aon de na trì bailtean air oirthir a tuath air Linne Mhoireibh ris an canar Bailtean na Mara, ' s e Baile a' Chnuic agus Baile an Todhair an dà bhaile eile.
Seannduaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 45′ 1.08″ Tuath 3° 55′ 14.38″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH857750 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV20 1 |
Duilleag oifigeil | seaboardvillages.com |
Thàinig an t-ainm Seannduaig bhon fhacail Seann-Lochlannais "sand-vík",[2] Tha iad a' ciallachadh: sand: gainmheach agus vík: bàgh. Nochd ainm a' bhaile aig Dwelly 1912 mar Seanndabhaig . [3]
Tha Clach a' Charraidh, clach Chruithneach Clas II, na seasamh air cnoc os cionn a' bhaile. Chaidh a togail timcheall air 780 AD agus fad linntean bha na iasgairean a cleachdadh mar thùr-rabhaidh gus an deach a leagail le gèile ann an 1846, bhris e ann an dà phìos. Chaidh an clach ath-thogail a-rithist anns an dearbh àite, ach tha i dìonta le bocsa glainne a-nis.
Tha e gu bhith 10 troighean (3 meatairean) a dh'àirde. Air aon taobh tha snaidheadh de chrois Chrìosdail ann, air an taobh eile chithear samhlaidhean is seallaidhean Cruithneach.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.