From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Drochaid Aonachain [1] no Drochaid an Aonachain [2] (Beurla: Spean Bridge). Tha am baile suidhichte anns a' Ghleann Mhòr. Tha na mòr-rathaidean A82 is A86 ga cheangal le Inbhir Nis agus leis a' Ghearasdan. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 53′ 36.38″ Tuath agus 4° 55′ 2.21″ Iar.
Tha stèisean aige, an Stèisean Drochaid Aonachain.
'S e Comann Camanachd Loch Abair an sgioba camanachd anns a' bhaile.
A-rèir Iain Mhic an Tàilleir thàinig ainm Beurla a' bhaile bhon drochaid thairis air Abhainn Spean; ach thàinig an t-ainm Gàidhlig 'Drochaid Aonachain' bhon fhacal 'Aonachan' (ionad-margaidh) agus tha e a’ ciallachadh: 'Drochaid aig an ionad-margaidh'. [1]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.