Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Ceann a Tuath na h-Alba a th' ann an Inbhir Nis (/iNʲɪrʲ'niʃ/ no /ilɪrʲ'niʃ/) agus 's e prìomh-bhaile sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.
Inbhir Nis | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Siorrachd Inbhir Nis |
Co-chomharran | 57° 28′ Tuath 4° 13′ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 40,900 (2001) |
Àireamh fòn | 01463 |
Duilleag oifigeil | Inbhir Nis |
Tha Inbhir Nis suidhichte aig beul (inbhir) Abhainn Nis agus 's e am baile as luaithe a tha a' fàs san Roinn Eòrpa san latha an-diugh. Ann an 2001 b' e 51,000 àireamh sluaigh a' bhaile agus thathas an dùil gun dùblaich an àireamh seo thairis air an ath deich bliadhna air fhichead ri thighinn.
Tha Inbhir Nis suidhichte aig ceann ear-thuath Ghlinn Albainn, air taobh deas an Linne Mhoireibh far a bheil am fìor-uisge a' dòrtadh a-mach a ceann ear-thuath Loch Nis ag coinneamh sàl na mara. Tha Ceann Loch Nis 6 mìltean air falbh. Tha beul searach Slighe-Uisge a' Ghlinne Mhòir a tha a' ceangail an Linne Mhoireibh leis an Linne Dhubh le rathad Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lochaidh aig Clach na h-Àirigh air iomall a' bhaile.
Bha Inbhir Nis taigh do Na Cruithnich agus bha Calum Cille a' tadhail an seo ann an 565. Chaidh an caisteal a thogail le Maol Chaluim Mac Dhonnchaidh. Thog Crombhuel "Citadel" ri taobh a' Bhaile. Anns a' bhliadhna 2001 rinneadh cathair dheth, a cheilearaich am Millennium ur.
Chithear gun do dh'atharraich an cànan bho Ghàidhlig gu Beurla anns na linntean sa chaidh. Bathar ag ràdh anns an New Statistical Account of Scotland ann an 1845:
"... but it [Gàidhlig] is fast wearing out, and by the rising generation English is almost universally preferred, especially in the town of Inverness, where many of them are wholly ignorant of Gaelic." [1]
Ann an 1881 bha Gàidhlig aig 23.3% de mhuinntir a‘ bhaile,[2] ach ann an 2001 cha robh i aig ach 7.9% dhiubh.[3]
Chaidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis a stèidheachadh ann an 1871.
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Nis anns na bliadhnaichean 1897, 1903, 1912, 1923, 1928, 1936, 1949, 1957, 1966, 1972, 1984, 1997 agus 2014.
Tha oidhirpean anns a' bhaile airson a' Ghàidhlig a chumail beò, mar eisimpleir chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a chur air bhonn anns an Lùnasdail 2007.
Tha seirbheisean trèana (dìreach) bho Stèisean-rèile Inbhir Nis gu Obar Dheathain, Sràid na Ban-righ ann an Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Pheofharain, Inbhir Uige/Inbhir Theòrsa, Caol Loch Aillse agus Lunnainn.
Tha rathad mòr (A9, A82 agus A96) a' ceangal Inbhir Nis le Obar Dheathain, Glaschu, Peairt, Inbhir Uige agus Dùn Èideann.
Tha plèanaichean bho Phort-adhair Inbhir Nis a' ceangal Inbhir Nis gu Sasainn, Eireann, agus An Roinn-Eòrpa.
Is baile malairt agus rianachd a tha ann an Inbhir Nis anns an latha an diugh. Chaill Inbhir Nis an cuid bu mhotha de a gniomhacasan giollachais ré an treas ceathramh den fhicheadamh linn.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.