Comhairle na Gàidhealtachd
From Wikipedia, the free encyclopedia
Airson an roinn traidiseanta faic: Gàidhealteachd
'S e a’ chomhairle as motha de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle na Gàidhealtachd. Tha an cuid as motha dhith suidhichte air tìr mhòr na h-Alba far an robh na siorrachdan traidiseanta Gallaibh, Cromba, Inbhir Nis, Inbhir Narann, Siorrachd Rois Cataibh agus am pàirt san iar-thuath Earra-Ghàidheal. Tha a' chomhairle a' gabhail a-steach cuid de na h-Eileanan a-staigh cuideachd. Tha Comhairle Mhoireach, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain agus Earra-Ghaidheal agus Bòd timcheall oirre.