From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e clachan air a' Ghàidhealtachd a tha ann am Manachainn Rois (Beurla: Fearn).[1] Tha e suidhichte mu dhà mhìle (3 km) san àirde an iar-thuath air Baile an Todhair agus mu 8 mìle (13 km) ear-thuath air Inbhir Ghòrdain. Dìreach san ear-thuath tha Baile an Droma.
Manachainn Rois | |
Abaid ann am Manachainn Rois | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 46′ 1.59″ Tuath 3° 57′ 20.89″ Iar |
Comharradh-clèithe | NH837769 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV20 1 |
Nochd ainm a' bhaile mar Nova Farina ann an Laideann[2] agus a-rèir Dwelly chleachd muinntir an àite fhèin an t-ainm "a' Mhanachainn".[3]
Chaidh abaid a stèidheachadh deas air Caolas Dhòrnaich eadar Drochaid a' Bhanna agus Eadardan ann an 1221-1222 no timcheall air 1227 le Fearchar, Iarla Rois.[4] Ach timcheall air 1238 chaidh an abaid a ghluasad gu Manachainn Rois far a bheil i gus an latha an-diugh.[4] Chaidh i a leasachadh is ath-thogail eadar 1338 is1372 agus a-rithist anns an 15mh linn. Tro na bliadhnaichean dh'fhàs clachan beag faisg air an abaid, ach an-diugh chan eil taighean dlùth timcheall air an abaid ann tuilleadh.[4] Ann an 1742 bha tubaist ann, thuit mullach na h-abaide sìos am broinn na h-eaglaise. Chaidh mu 50 duine a mharbhadh, ach ann an 1771 bhathar a chàradh an abaid a-rithist.[5]
Tha stèisean-rèile ann air Loidhne Chinn a Tuath eadar Inbhir Ghòrdain agus Baile Dhubhthaich leis an ainm Fearn/Manachainn Ros, ach tha e suidhichte iar air agus nas fhaisge air Baile an Droma.[6][7][8] Chaidh an stèisean-rèile a thogail ann an 1864 le Joseph Mitchell agus Murdoch Peterson; an-diugh tha e clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B.[9]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.