From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e fear-lagha, agus riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Belisario Antonio Betancur Cuartas (Amagá, 4 an Gearran 1923 - Bogotá, 7 an Dùbhlachd 2018).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia bho 7 an Lùnastal 1982 gu 7 an Lùnastal 1986.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineas e.[3] Chaidh e dhan Oilthigh Bholivariana. Phòs e aig Rosa Helena Álvarez Yepes, à Medellín, ann an 1945 agus rug i triùir duine-cloinne dha.[4] Bha ise dìreach 21 bliadhna a dh'aois aig an àm. Chaochail i ann an 1998. Phòs Betancur a-rithist ann an 2000 aig Dalia Rafaela Navarro Palmar.
Belisario Betancur Cuartas | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||||
20 dhen Iuchar 1951 - 20 dhen Iuchar 1953
20 dhen Iuchar 1970 - 20 dhen Iuchar 1978
7 dhen Lùnastal 1982 - 7 dhen Lùnastal 1986 ← Julio César Turbay Ayala - Virgilio Barco Vargas → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Amagá, 4 dhen Ghearran 1923 | ||||||||
Dùthaich |
Coloimbia An Spàinn (3 dhen Lùnastal 2012 - | ||||||||
Bàs | Bogotá, 7 dhen Dùbhlachd 2018 | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | (kidney infection (en) ) | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Cèile | Rosa Helena Álvarez Yepes (en) | ||||||||
Clann | |||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam | Universidad Pontificia Bolivariana | ||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | dioplomat, neach-lagha, neach-naidheachd, neach-poileataigs agus sgrìobhadair | ||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||
Ballrachd |
Acadamh Eòrpach nan Saidheansan is nan Ealan Academia Mexicana de la Lengua (en) Acadamh Saidheansan Sòisealta a' Phàpa North American Academy of the Spanish Language (en) Club of Rome (en) | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Thoisich e ann am Poileataigs mar chomhairliche ann an Antioquia eadar 1945 agus 1947.[5] Bha tòrr eòlasan aig san Riaghaltas: bha e na Mhinistear an Fhoghlaim fo Alberto Lleras Camargo fad corra mìos ann an 1960: na mhinistear na h-Obrach fo Ghuillermo León Valencia bho 1962 gu 1963.[6] A bharrachd air sin, chuir e seachad dà bhliadhna thall thairis na thosgaire san Spàinn, bho 1975 gu 1977. B' esan an aon bhall-chruinneachaidh a thug taic do Mhariano Ospina Pérez an aghaidh Ghustavo Rojas Pinilla. Bha e na thagriache neo-oifigeil an aghaidh Mhisael Pastrana Borrero ann an 1970, ach chaill e.
Chaidh Betancur a thaghadh ann an 1982, mu dheireadh thall.[7] B' fheudar dha dèiligeadh ri iomadh dùbhlan nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Ghlac buidheann cheannairceach, air an robh M-19, an àrd-chùirt: Cha do rèitich betancur riutha agus thug e òrdughan dhan Arm: chaochail mòran ann am batal eadar saighdearan agus Reubaltaich.[8] Chaidh còrr is 25,000 duine a mharbhadh nuair a spreadh a' beinn-teine Nevado del Ruiz ann an 1985, a rinn sgrios air Armero: dh'fhàgadh air an Riaghaltas gu robh laigsean mòra anns dòigh a dhèilig iad ris an t-suidheachadh.[9] Dhiùlt esan Cupa na Cruinne a chumail: thuirt e nach b' urrainn do Choloimbia am farpais fhaighinn agus gu robh esan airson an t-airgead a' caitheamh ann an leasachadh na dùthcha. 'S e Colombia an aon dùthaich a dhiùlt am farpais fhaighinn a-riamh.[10]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.