From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia bh’ ann an Julio César Turbay Ayala (Bogotá, 18 an t-Ògmhios 1916, ibidem, 13 an t-Sultain, 2005).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1978 agus 7 an Lùnastal 1982. Bhuineadh Turbay do theaghlach in-imrich: b' ann à Leabanon a bha athair, ged a rugadh a mhàthair ann an Coloimbia. Cha deach e idir dhan oilthigh, ged a fhuair e dotaireachd honoris causa à Oilthigh an Rosario. Phòs e aig nighean a pheathar, Nydia Quintero Turbay à Neiva ann an 1948 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] Dhealaich iad ann an 1983. Phòs e a-rithist ann an 1987, an turas seo aig Amparo Canal Sandoval. Chaidh a nighean, Diand Turbay, a mharbhadh le Pablo Escobar.[3]
Julio César Turbay Ayala | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
![]() | |||||||||||
1969 - 1970
1974 - 1975
7 dhen Lùnastal 1978 - 7 dhen Lùnastal 1982 ← Alfonso López Michelsen - Belisario Betancur Cuartas → | |||||||||||
Beatha | |||||||||||
Breith | Bogotá, 18 dhen Ògmhios 1916 | ||||||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||||||
Bàs | Bogotá, 13 dhen t-Sultain 2005 | ||||||||||
Àite-adhlacaidh | Jardines de Paz (en) | ||||||||||
Teaghlach | |||||||||||
Cèile | Nydia Quintero Turbay (en) | ||||||||||
Clann | |||||||||||
Foghlam | |||||||||||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||||
Dreuchd | |||||||||||
Dreuchd | dioplomat, neach-lagha, eaconamaiche agus neach-poileataigs | ||||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||||
Creideamh | |||||||||||
Creideamh | Caitligeachd | ||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann Turbay agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann an 1938 ann an Engativá,[4] air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air Alfonso López Pumarejo. B' e deachdaireachd an Airm a thug piseach airsan ann an saoghal poileataigeach na dùthcha. Bha e na mhinistear nam Mèinn agus a' Pheatrail eadar 1957 agus 1958 fo Gabriel París: na mhinistear nan Dùthchannan Cèin eadar 1958 agus 1961 fo Carlos Lleras Camargo. A bharrachd air sin, b' e riochdair dioplòmasach a bh' ann cuideachd: bha e na thosgaire thall thairis ann am Breatainn (1973 - 1975), anns Na Stàitean Aonaichte (1975 - 1976), ann an Cathair na Bhatacain (1987 - 1989) agus anns An Eadailt (1991 - 1993). Chaidh a thaghadh na cheann-suidhe agus, a rèir an lagha aig an àm, chan d’ fhuair e ach teirm san dreuchd. Bha e gu math connspaideach agus dh’fhàgadh airsan gu robh e lag a thaobh FARC.[5]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.