From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e agus riochdaire dioplòmasach, eaconomaiche agus neach-poileataigs à Coloimbia a th’ ann an César Augusto Gaviria Trujillo (IPA:θesaɾ auˈɣusto ɣaˈβiɾja tɾuˈxiʝo, Pereira, 31 an Cèitean 1947).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1990 gu ruige 1994. Phòs e aig Ana Milena Muñoz Gómez à Pereira ann an 1978 agus rug i dithis duine-cloinne dha.[2] 'S e boireannach uabhasach beairteach a bhuineas do theaghlach malairteach a th’ innte. An dèidh an oithigh fhàgail, bha Gaviria na dheasaiche aig a' phàipeir-naidheachd La Tarde ann am Pereira fhèin. Tha ainneart na dùthcha air buaidh mhòr a thoirt air na Gaviria: chaidh a bhràthair a thoirt am bruid le ceannarcaich ann an 1996[3] agus chaidh a phiuthar a mharbhadh ann an 2006.[4]
César Gaviria Trujillo | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
Sgìre: Risaralda (en)
7 dhen Lùnastal 1986 - 17 dhen Ògmhios 1987
7 dhen Lùnastal 1990 - 7 dhen Lùnastal 1994 ← Virgilio Barco Vargas - Ernesto Samper →
1994 - 2004 ← Baena Soares (en) - Miguel Ángel Rodríguez Echeverría (en) → | |||||||||||
Beatha | |||||||||||
Breith | Pereira, 31 dhen Mhàrt 1947 | ||||||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||||||
Teaghlach | |||||||||||
Cèile | Ana Milena Muñoz Gómez (en) | ||||||||||
Clann | |||||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||||||
Foghlam | |||||||||||
Foghlam | Oilthigh nan Andes | ||||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||||
Dreuchd | |||||||||||
Dreuchd | dioplomat, neach-poileataigs agus eaconamaiche | ||||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||||
Ballrachd | Club of Rome (en) | ||||||||||
Creideamh | |||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Gaviria Trujillo agus tha e air a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche ann am Pereira ann an 1970, nuair a bha e dìreach 23 bliadhna a dh'aois. Chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid ann an 1974 agus bha e na ionmhasair eadar 1986 gu 1987 agus na Rùnaire na Dùthcha bho 1987 gu ruige 1989 fo Virgilio Barco Vargas. Bha Gaviria Trujillo gu math dlùth air Luis Carlos Galán, a chaidh a mharbhadh ann an Soacha le Pablo Escobar ann an 1989.[5] Theab Escobar Gavria a mharbhadh cuideachd nuair a chuir na daoine aige boma air pleàna, ach cha do deach Gavria air.[6] Nuair a bha Gaviria na cheann-suidhe rinn a mòran an aghaidh luchd-reic dhrogaichean ann am Medellín agus Cali: chaidh Pablo Escobar dhan phrìosan (ann an Envigado) agus chuir am Poileas gu bàs e nuair a theich e. A thuilleadh air sin, chuir Gaviria Bun-reachd ùr an gnìomh.[7]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.