Contae Dhoire
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Dhoire[1] (tuiseal ainmneach: Doire).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 214,800 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,074km²,[3] an 15mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an còigeamh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae Dhoire le Tír Eoghain, Aontroim agus Dún na nGall.[4] Bha 232,174 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Dónaird (589m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]
Contae Dhoire | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Còigeamh | Còigeamh Uladh |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,074 km² |
Àireamh-shluaigh | 232,174 () |
Dlùths | 111.95/km² |
Chaidh Contae Dhoire a chruthachadh ann an 1613 le Seumas VI is 12 companaidhean lìbhre à Lunnainn.[7]
Chaidh Comhairle Chontae Dhoire a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[8]
Sgìrean Ionadail
Tha sia baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Dhoire: Cianachta, Cúil Raithin, Líbeartaí Thiar Thuaidh Dhoire, Líbeartaí Thoir Thuaidh Chúil Raithin, Loch Inse Uí Fhloinn agus Tír Mhic Caoirthinn. A bharrachd air sin, tha 46 parraistean[9] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Doire, Ard Mhacha agus An Dúin)[10] agus mòran bhaile fhearainn sa chontae.
Bailtean
Daoine ainmeil
Iomraidhean
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.