From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Mhuineacháin[1] (tuiseal ainmneach: Muineachán,[2] Laideann: Comitatus Monaghanus). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 60,483 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,891km²,[3] an siathamh siorramachd as lugha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an ceathramh as lugha a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Mhuineacháin le Ard Mhacha, Lú, Fear Manach, Cabháin, Tír Eoghain, agus an Mhí.[4] Bha 200,442 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Beatha (370m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]
Contae Mhuineacháin | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Uladh |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,891 km² |
Àireamh-shluaigh | 60,483 () |
Dlùths | 31.98/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Tha còig baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Mhuineacháin: Críoch Mhúrn, Dartraighe, Fearnaigh, An Triúcha agus Muineachán fhèin. A bharrachd air sin, tha 23 parraistean[7] (san sgìreachd-easpaig Clochair)[8] agus 1,852 bailtean fearainn sa chontae.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.