From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorrachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Shligigh[1] (tuiseal ainmneach: Sligeach,[2] Laideann: Comitatus Slegensis). Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Chonnacht. Tha 65,393 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,796km²,[3] an 23mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 25mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Shligigh le Maigh Eo, Ros Comáin agus Liatroim.[4] Bha 181,002 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Trosc Mór (675m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6]
Contae Shligigh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Chonnacht |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,796 km² |
Àireamh-shluaigh | 65,393 () |
Dlùths | 36.41/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Tha sia baranachdan (Gaeilge: barúntacht) am broinn Shligigh: Cairbre, An Corrann, Cúil Ó bhFinn, Luíne, Tír Oirill agus Tír Fhiachrach (1 agus 2). A bharrachd air sin, tha 41 parraistean[7] (ann an còig sgìreachdan-easpaig: Ardach, Cill Ala, Achadh Conaire, Cill Mhór agus Ail Finn)[8] agus 1,325 bailtean fearainn sa chontae.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.