An Rìoghachd Aonaichte

stàit anns an Roinn-Eòrpa From Wikipedia, the free encyclopedia

An Rìoghachd Aonaichte
Remove ads

'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an Rìoghachd Aonaichte.[1][2][3][4][5]

UK ath-sheòlaidhean an seo.
Quick Facts Pàirt de, Cur air cois ...
Remove ads
Remove ads

Eachdraidh

Bha na trì rìoghachdan fo aon mhonarcachd on bhliadhna 1603 nuair a fhuair Rìgh Seumas VI seilbh air cathair-rìgh Shasainn agus grèim air "rìoghachd" na h-Èireann an dèidh bàs bànrigh Ealasaid I de Shasainn, am monarc mu dheireadh bho theaghlach nan Tudor.

Chaidh an stàit a stèidheachadh ann an 1707 an dèidh aonadh eadar pàrlamaid Alba agus pàrlamaid Shasainn. As dèidh Ar-a-mach nan Èireannaich Aonaichte ann an 1798, chaidh Èirinn a-steach air an aonadh pàrlamaideach - cha robh a mhòr-chuid de mhuinntir na h-Èireann taiceil ri riaghail Shasannach co-dhiù.

Ann an 1688 chaill an Rìgh Seumas II (Seumas VII na h-Alba) a chrùn agus chaidh a nighean fhèin agus mac a pheathar as an Òlaind na àite. Rinn an fheadhainn a bha fhathast a' cur taic ris an Rìgh Seumas, na Seumasaich, trì ar-a-machan ann an 1715, 1719 is 1745 gus a chrùn a thilleadh dha. Aig crìoch a' ghnothaich, chaill mòran mhorairean Albannach na h-oighreachdan aca.

Bha an dùthaich gu mòr an sàs ann an tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn. Thachair an t-Ar-a-mach Aimeireagach ann an 1776; ann an 1783, dh'aithnich a' Bhreatann Mhòr gun robh na Stàitean Aonaichte neo-eisimeileach.

Aig deireadh an t-seachdamh linn deug, bha an Rìoghachd Aonaichte an sàs anns na Cogaidhean Napoleon Bonaparte, gu sònraichte anns an Spàinn.

Ann an 1921 chaidh roinneadh air Èirinn a chruthaich Saorstàit na h-Èireann (anns an robh 26 siorrachdan, no contae, a dh'fhàg an Rìoghachd Aonaichte) agus Èirinn a Tuath, 6 siorrachdan Ultach a dh'fhan anns an Rìoghachd Aonaichte. Ann an 1937 thilg muinntir na saorstàit dheth ùghdarras an Rìgh agus stèidhicheadh Poblachd na h-Èireann.

Remove ads

Faic cuideachd

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads