From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Powfoot air iomall Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Ruadhail (Beurla Ruthwell).[1] Tha e suidhichte aig dìreach 2m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Greatna agus Dùn Phris, ri taobh na h-aibhne Uisge Lochar,[3] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh. Tha e 35km air falbh bho Bheattock, 108km bho Ghlaschu, 104km bhon An t-Sròn Reamhar agus 108km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. Tha 400 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ruadhail. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha taigh-tasgaidh[5] anns a’ bhaile cuideachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean idir ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Clarencefield neo Comar na Drise agus dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn.
Ruadhail | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 59′ 36″ Tuath 03° 24′ 27″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 400 (2011) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Ruthwell aig Visit Scotland |
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Rith agus Weald (a tha a' ciallachadh Allt agus Coille) ann an seann Bheurla a tha an t-ainm.[6] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Ruadli Bail le co-chàradh Lochlannais ann an a tha ainm an àite seo.[7] Bheireadh sin Baile Ruadh dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S ann gu math làidir 's a tha buaidh nan Lochlannach air ainmean-àite ann an iar-dheas na h-Alba,[8] gu h-àraidh faisg air a' mhuir agus tha iomadh ainm-àite dà-chànanach Gàidhleach-lochlannach ann. A bharrachd air sin, nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[9]
Tha sloinnidhean airson Thùsanaich mar Wallace agus Welsh pailt an sgìre ach tha an t-ainm-àite fhèin a' sealltainn gu robh na treubhan Sasannach gu math cumhachdail an seo an dèidh àm nan Ròmanach. Tha an eileamaid weald gu math cumanta san sgìre: Ruthwell, Mousewald, Torthorwald. Thog iad Crois le rùn-sgrìobhadh Lochlannach oirre san eaglais san 8mh Linn.[10] Tha an sgrìobhadh ag ràdh: ᛣᚱᛁᛋᛏ ᚹᚫᛋ ᚩᚾ ᚱᚩᛞᛁ ᚻᚹᛖᚦᚱᚨ / ᚦᛖᚱ ᚠᚢᛋᚨ ᚠᛠᚱᚱᚪᚾ ᛣᚹᚩᛗᚢ / ᚨᚦᚦᛁᛚᚨ ᛏᛁᛚ ᚪᚾᚢᛗ, Krist wæs on rodi. Hweþræ'/ þer fusæ fearran kwomu / æþþilæ til anum. "Bha Crìosd air a' Chrois. Ach / thàinig daoine cròdha/ dhan thighearna aca".[11] Bhristeadh a' Chrois ri àm An Ath-Leasachaidh[12] agus fhalaich daoine a' bhaile e fo thalamh. Chaidh i a chàradh ann an 1818 leis a' mhinistear.
Fhuair Ruadhail a chuid chòirichean ann an 1519 ach cha tug sin idir piseach air malairt is gnìomhachas san sgìre, a tha cho dùthchasail na bha e a-riamh.[13] Bha na Moirich gu math làidir an seo bhon 14mh Linn[14] agus fiù 's chaidh Iain Moireach, fear dhen shliochd, a ghairm na Iarla Shrath Anainn leis an Righ Seumas VI ann an 1625. Chaidh Na Seumasaich seachd air Ruadhail air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[15] Chaidh a' chiad bhanca-caomhnaidh san t-saoghal a chur air dòigh an seo leis a' mhinistear Eanraig Donnchadh ann an 1810.[16] Stèidhich esan An Eaglais Shaor ann an 1846 cuideachd.[17] Thogadh stèisean-rèile an seo ann an 1848[18] ach dhùnadh ann an 1965 e. A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair dusan duine à Ruadhail bàs sa Chogadh Mòr[19] agus dithis eile san Dàrna Cogadh.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.