‘S e baile beag dùthchasail faisg air Newcastleton,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Langaim. Tha e suidhichte aig 95m os cionn ìre na mara,[2] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Greatna agus Hamhaig, ri taobh na h-Aibhne Easg.[3] Tha e 229km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 40km bho Dhùn Phrìs agus 90km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Langaim. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn sheirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil[5] agus àrd sgoil[6] ann. Ann an 2001 bha 2,311 duine a' fuireach an seo.[7]

Langaim
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 09′ 07″ Tuath
59′ 56 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,311 (2001)
Àireamh fòn 013873
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais lang agus heim a tha ainm a' bhaile.[8] Bheireadh sin Baile Fada dhuinn sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[9] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.

Eachdraidh

A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 58 duine à Langaim bàs sa Chogadh Mòr[10] agus deichnear eile san Dàrna Cogadh.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.