From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Eaglais Fheichin.[1] neo An Eaglais Bheachain[2] Tha e suidhichte aig 47m os cionn ìre na mara,[3] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Logarbaidh agus Kirtlebridge, ri taobh na h-aibhne Mein Water.[4] Tha e 244km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 22km bho Dhùn Phrìs agus 100km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Eaglais Fheichin. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile agus dà thaigh-òsda ann.[6] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Inbhir Anainn.[7] Ann an 2001 bha 746 duine a' fuireach an seo. [8]
Eaglais Fheichin | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 03′ 42″ Tuath 03° 15′ 51″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 746 (2001) |
Àireamh fòn | 01576 |
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile.[9] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[10] B' e Fiachan (Laideann Vigean) na aba ann an Contae na hIarmhí thall ann an Èirinn.
Rugadh Thomas Carlyle (1795-1881), sgrìobhadair is eachdraiche, ann an taigh ris an canar The Arched House san 4 an Dàmhair 1795. Ged a dh' fhàg e Eaglais Fheichein nuair a bha e 13 bliadhna a dh'aois, bha e adhlaicte ann an cladh Eaglais Fheichein a-rèir am miann aige. Tha an t-àite-bhrèith fo cùram National Trust for Scotland bho 1936 agus tha e a' tarraing mòran luchd-turais dhan bhaile. A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair seachd duine thar fhichead à Eaglais Fheichein bàs sa Chogadh Mòr[11] agus naoinear eile san Dàrna Cogadh.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.