Prìomh-mhinistear na h-Alba agus ceannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP) From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs Albannach, Prìomh Mhinistear na h-Alba, agus ceannard a' Phàrtaidh Nàiseanta a tha ann an Nicola Ferguson Sturgeon, BPA (rugadh 19 an t-Iuchar 1970). Mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba tha i a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.
Nicola Sturgeon | |||||||||||||||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
6 dhen Chèitean 1999 - 31 dhen Mhàrt 2003 Sgìre: Glaschu Taghadh: Taghadh Albannach 1999
1 dhen Chèitean 2003 - 2 dhen Ghiblean 2007 Sgìre: Glaschu Taghadh: Taghadh Albannach 2003
3 dhen t-Sultain 2004 - 17 dhen Chèitean 2007 ← Iain MacShuibhne - Seac MacDhòmhnaill →
3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011 Sgìre: Glaschu - Baile a' Ghobhainn Taghadh: Taghadh Albannach 2007
17 dhen Chèitean 2007 - 19 dhen t-Samhain 2014 ← Nicol MacSteaphain - Iain MacShuibhne →
17 dhen Chèitean 2007 - 19 dhen Chèitean 2011 ← Andy Kerr (en)
5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016 Sgìre: Glaschu Taobh a Deas Taghadh: Taghadh Albannach 2011
19 dhen Chèitean 2011 - 5 dhen t-Sultain 2012
5 dhen t-Sultain 2012 - 19 dhen t-Samhain 2014 ← Ailig Neil - Keith Brown →
20 dhen t-Samhain 2014 - 28 dhen Mhàrt 2023 ← Ailig Salmond - Humza Yousaf →
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 Sgìre: Glaschu Taobh a Deas Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - Sgìre: Glaschu Taobh a Deas Taghadh: Taghadh Albannach 2021 | |||||||||||||||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||||||||||||||
Ainm slàn | Nicola Ferguson Sturgeon | ||||||||||||||||||||||||||
Breith | Irbhinn, 19 dhen Iuchar 1970 | ||||||||||||||||||||||||||
Dùthaich | Alba | ||||||||||||||||||||||||||
Àite-fuirich | Taigh Bhòid | ||||||||||||||||||||||||||
Teaghlach | |||||||||||||||||||||||||||
Màthair | Joan Sturgeon | ||||||||||||||||||||||||||
Cèile | Peter Murrell (en) | ||||||||||||||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||||||||||||||
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Greenwood Academy (en) University of Glasgow School of Law (en) | ||||||||||||||||||||||||||
Cànain | Beurla | ||||||||||||||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus neach-lagha | ||||||||||||||||||||||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||||||||||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||||||||||||||
Creideamh | Eaglais na h-Alba | ||||||||||||||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | ||||||||||||||||||||||||||
firstminister.gov.scot |
Rugadh Nicola Sturgeon ann an Irbhinn, Siorrachd Àir, fhuair i a cuid sgoile aig Acadamaidh Greenwood, agus choisinn i ceum LLB (Urram) ann an lagh agus Dioplòma ann an Gnàthas Lagha aig Oilthigh Ghlaschu. Ro phoileataigs, bha i ag obair ’na neach-lagha aig Ionad Comhairle Lagha is Airgid ann an Druim a' Chapaill, Glaschu.
Tha i a' fuireach ann an Glaschu cuide ris an duine aice, Peter Murrell, a bha na àrd-oifigear gnìomha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Chaidh a taghadh mar bhall-pàrlamaid roinneil airson baile Ghlaschu ann an 1999. Riochdaich i Glaschu mar bhall liosta eadar 1999 is 2003 agus Glaschu Baile a' Ghobhainn mar bhall roinne-phàrlamaid eadar 2007 agus 2011 nuair a chaidh na crìochan taghaidh atharrachadh agus tha i a-nis a' riochdachadh Glaschu Taobh a Deas.[1]
Ann an Riaghaltas na h-Alba bha i ann an dreuchd Rùnaire Caibineit na Slàinte eadar an Céitean 2007 agus an t-Sultain 2007, agus ann an dreuchd Rùnaire Caibineit airson Bun-structair In-ionmhais agus Bhailtean le dleastanasan airson ro-innleachd an riaghaltais agus na bun-reachd gus an t-Samhain 2014. Bha i cuideachd 'na Leas-phrìomh-mhinistear aig an àm sin.
Chaidh a taghadh mar Cheannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air 14 an t-Samhain 2014 agus ghabh i dleastanasan a’ Phrìomh Mhinisteir os làimh air 20 an t-Samhain 2014. Thug i seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2015.[2] An dèidh do thaghadh Albannach 2021 mhair i mar phrìomh-mhinistear is chaidh na h-Uainich ann an riaghaltas na h-Alba airson a' chiad turas.[3]
Anns a' Ghearrain 2023 thuirt i gun leigeadh i a dreuchd mar phrìomh mhinistear suas nuair a thagh am Pàrtaidh Nàiseanta ceannard ùr.[4] Bhuannaich Humza Yousaf taghadh a' cheannardais an dèidh seo.[5]
Bha rannsachaidhean ann mun dòigh anns an do làimhsich Ms Sturgeon gearainean mu Ailig Salmond. A-rèir rannsachaidh neo-eisimeileach a rinn James Hamilton QC a bha na àrd neach-casaid ann an Èirinn cha do bhris ise còd nam ministearan.[6] Thug comataidh Thaigh an Ròid aithris air a' chùis is thuirt iad gun do mheall Ms Sturgeon iadsan ach cha b' ann a dh'aona-gnothach a rinn i sin.[7]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.