Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs agus ceannard na Phàrtaidh Libearal Deamocratach anns an Taigh nam Morairean[1] a tha ann an Seumas Uallas, am Morair Uallas à Tankerness (Beurla: James "Jim" Robert Wallace).
Rugadh e 25 an Lùnastal 1954 ann an Inbhir Anainn. Dh'ionnsaich e eaconomachd agus lagh aig Oilthigh Chambridge agus lagh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Chaidh e na neach-tagraidh ann an 1979.
Ghabh e sam Pàrtaidh Libearalach ann an 1970an. Sheas e ann an Taghadh Coitcheann ann an 1979 airson Siorrachd Dhùn Phrìs. Bha e na Bhall Phàrlamaid airson Arcaibh agus Sealltainn eadar 1983 agus 2001, an dèidh do Jo Grimond.
Bha e na cheannard den Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba agus na Bhall Phàrlamaid na h-Alba airson Arcaibh.[2] Bu e Leas-phrìomh Mhinistear bhon 1999 gu 2005 fo trì Prìomh-Mhinistearan: Dòmhnall Mac an Deòir, Eanraig Mac Gill-Iosa agus Seac MacChonnaill gu Uallas cuir an àite Nicol MacStèaphain ann an 2005.
Bha e na Àrd-neach-tagraidh airson Alba eadar 2010 agus 2015.[3]
Chaidh a thaghadh mar mhodaratair Eaglais na h-Alba ann an Dàmhair 2020 is thèid a chur san dreuchd anns a' Chèitein 2021.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.