‘S e baile beag dùthchasail faisg air Beattock,[1] air an àirde an iar-dheas na h-Alba a tha anns a' Mhagh Fada[2] neo Mofad (Beurla: Moffat).[3] Tha e suidhichte aig 121m os cionn ìre na mara,[4] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Cuingealach agus Hamhaig, ri taobh na h-Aibhne Anainn.[5] Tha e 218km air falbh bho Obar Dheathain, 78km bho Ghlaschu, 31km bho Dhùn Phrìs agus 71km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthchas. 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh anns a' Mhagh Fada. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil agus àrd sgoil[6] ann. Ann an 2011 bha 2,135 duine a' fuireach an seo.[7] Tha an t-Slighe Dhail Anainn air a bhith a' dol tron bhaile bho 2009[8]

Mofad
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh
Co-chomharran 55° 33' Tuath
03° 44′ Iar
Comharradh-clèithe NT 094 052
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 2,135 (2011)
Àireamh fòn 01683
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann às a' Ghàidhlig fhèin a tha ainm a' bhaile na "Am Magh Fada".[9] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[10] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.

Eachdraidh

Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1296 mar Moffete.[11] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 80 duine à Mofad bàs sa Chogadh Mòr[12] agus ceithrear duine eile san Dàrna Cogadh.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.