From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Inbhir Anainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Kirtlebridge. Tha e suidhichte aig 82m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-dheas Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Greatna agus Eaglais Fheichin, ri taobh na h-aibhne Kirtle Water.[2] Tha e 244km air falbh bho Obar Dheathain, 113km bho Ghlaschu, 26km bho Dhùn Phrìs agus 101km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Kirtlebridge. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan an an Cathair Luail. A bharrachd air sin, tha taigh-seinnse/bìdhe[4] agus taigh-òsta ann.[5] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann, agus le sin feumar a dhol dhan bhun sgoil ann an Cille Phàdraig nam Fleamach[6] agus dhan dhan àrd-sgoil ann an Inbhir Anainn neo Eaglais Fheichein.
Kirtlebridge | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 02′ 38″ Tuath 03° 11′ 34″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01461 |
Duilleag oifigeil | Kirtlebridge aig Visit Scotland |
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a coltas ann gur ann à Lochlannais kyrtill neo seann-Bheurla cyrtel (Gùn Goirid) tha ainm a' bhaile is na aibhne.[7] Bheireadh sin Drochaid a' Ghùin Ghoirid dhuinn sa Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheas na h-Alba,[8] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir agus tha iad uile-làthaireach san sgìre eadar Inbhir Anainn agus Greatna.
'S e na Irvine a bh'ann an teaghlach na bu treasa an seo o shean. Bha iad an sàs ann an còmhstri eadar Albannaich oir bha dlùth càirdeas aca le Clann 'Ic Iain. 'S e iad a thug an Tùr air a bheil Bonshaw, ann an 1545.[9] Thogadh loidhne-rèile an seo ann an 1849 ach dhùnadh an stèisean ann an 1960.[10] Thachair tubaiste rèile marbhtach an seo air 27 an Giblean 1872. Bhuail trèana luath à Lunnainn trèana luchd slaodach. Chaochail 11 duine san tubaiste.[11] 'S e buaireas ann an Cathair Luail, far a dh'fhàg an trèana à Lunnainn an stèisean fadalach, a bha aig cnag na cùise. Chaidh eaglais a thogail sa bhaile ann an 1840 agus chaidh i a leasachadh ann an 1897.[12] Tha i dùinte is an togalach ri reic.[13] A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 20 duine à Kirtlebridge bàs sa Chogadh Mòr.[14]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.