baile ann an Alba From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile meadhanach agus faisg air Cille Chùithbeirt, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dùn Phris[1] (Beurla: Dumfries). Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Dail Bheithe agus Inbhir Anainn, ri taobh na h-aibhne Nid.[3] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 15km bho Ruadhail agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Phris, ach tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha deich bun sgoil agus ceithir àrd sgoil ann an Dùn Phris.[5] A thuilleadh air sin, 's e a' phrìomh-bhaile dhen Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh a th' ann. Ann an 2001 bha 31,146 duine a' fuireach an seo.[6]
Dùn Phris | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Dhùn Phris |
Co-chomharran | 55° 07' 00″ Tuath 03° 60′ 03″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX977762 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 31,600 (2001) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | http://www.dumgal.gov.uk/ |
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Caer/Dùn agus ainm na treubh Frisianach neo Preas ann an seann Chuimris neo Gàidhlig a th' ann an t-ainm.[7] 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn.[8] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Druim neo Dronn a th'ann ainm an àite seo.[9]A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dà theòiridh seo, o chionn 's gu bheil dùn agus druim ann.
Tha sgrìobhainn bhon 18mh linne, ga chumail air ball an taigh-sheinnse Hole in the Wa' ann am meadhan a' bhaile, gur e Druim Phrìs an t-ainm a bha air a' bhaile o shean. Tha an t-ainm ga sgrìobhadh Drumfries, mar druim (facal cruinn-eòlaiche). A bharrachd air sin, tha Ospadal Rìoghail a' Cheàrna ga thogail dìreach air barr druim, ri taobh na h-aibhne Nid. Chaochail Raibeart Burns an seo ann an 1796. Chuir Prionnsa Teàrlach Stiùbhart seachad na h-oidhche ann an Dùn Phrìs air Disathairne 21 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh'Alba gu ruige na Gàidhealtachd.[10] Chuireadh càin dhe £2,000 agus 1,000 paidhir bhròg air a' bhaile, a chaidh a phàigheadh an ath latha. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Dhùn Phris.[11] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1957, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.[12]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.