Dùn Phris
baile ann an Alba / From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile meadhanach agus faisg air Cille Chùithbeirt, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dùn Phris[1] (Beurla: Dumfries). Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phris ro 1975), eadar Dail Bheithe agus Inbhir Anainn, ri taobh na h-aibhne Nid.[3] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 97km bho Ghlaschu, 15km bho Ruadhail agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Dùn Phris, ach tha Pòlais làidir cuideachd. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus gnìomhachas. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha deich bun sgoil agus ceithir àrd sgoil ann an Dùn Phris.[5] A thuilleadh air sin, 's e a' phrìomh-bhaile dhen Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh a th' ann. Ann an 2001 bha 31,146 duine a' fuireach an seo.[6]
Dùn Phris | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Dhùn Phris |
Co-chomharran | 55° 07' 00″ Tuath 03° 60′ 03″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX977762 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 31,600 (2001) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | http://www.dumgal.gov.uk/ |