Cille Chùithbeirt
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag agus port air an oirthir faisg air Caisteal Dhùghlais, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cille Chùithbeirt[1]. Tha e suidhichte aig 65m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Dail Bheithe, aig inbhir na h-aibhne Uisge Dhè. Tha e 40km air falbh bho Dhùn Phris, 112km bho Glaschu, 64km bhon An t-Sròn Reamhar agus 135km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 3,447 duine a' fuireach anns a' bhaile[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Chùithbeirt, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[5] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. B' àbhaist dha a bhith na bhaile-siorrachd.
Cille Chùithbeirt | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 50′ Tuath 04° 03′ Iar |
Comharradh-clèithe | NX685505 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 3,447 (2011) |
Àireamh fòn | 01557 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |