From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann an Dail Bheithe neo Dail Beithich[1] (Beurla: Dalbeattie). Tha e suidhichte ann an gleann air bruach Urr Water mu 6 cilemeatair (4 mìltean) ear air Caisteal Dhùghlais agus mu 19 cilemeatair (12 mìltean) iar-dheas air Dùn Phris. Ann an 2011 bha 4,289 duine a' fuireach an seo.[2] Bha a' chiad tuineachadh an seo ann an 1658, ach chaidh am baile a thogail ann an 1781. Bha gnìomhachas clachan ghràineil gu math cudromach airson a' bhaile, anns na 1810an bha mòran daoine a dh'imrich gu Dail Beithich airson obair fhaighinn anns na cuaraidhean. An diugh tha an cuid as motha de na daoine ag obair ann an Dùn Phris.
Dail Beithich | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 55′ 55″ Tuath 3° 49′ 19″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX833613 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,289 (2011) |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1469 mar Dalbaty.[1] A-rèir carragh-chuimhne a' bhaile, fhuair 146 duine à Dail Bheithe bàs sa Chogadh Mòr[3] agus seachd duine thar fhichead eile san Dàrna Cogadh. Bha Faisisteachas[4] uabhasach làidir an seo ron an Dàrna Cogadh agus fiù 's bha am meur na bu mhotha nam Faisisteach suidhichte sa bhaile bheag seo ann an 1934, far an robh ballrachd mu 400 duine ann, le clèireach-baile os an cionn.[5]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.