‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba air iomall Dhùn Phris a th' ann an Ath Crogaid (Beurla/Beurla Ghallda: Crocketford).[1] Tha e suidhichte aig 143m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A75 eadar Lochfoot agus Springholm, ri taobh Loch Baile a' Mhuilinn agus Loch Auchenreoch.[3] Tha e 258km air falbh bho Obar Dheathain, 96km bho Ghlaschu, 26km bho Chille Chuithbeirt agus 109km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ath Crogaid. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile agus oifis a' phuist anns a’ bhaile.[4] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Springholm[5] agus dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.
Ath Crogaid | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 01′ 60″ Tuath 03° 49′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag na Coimhearsnachd |
Freumhan an Ainm
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à crochadh anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[7]
Eachdraidh
Chaidh Ath Crogaid a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1452. Cha b' ann ach àite air rathad nan dròbhair gus an do ràinig na Bùchanaich ann an 1787, nuair a thoisich am baile a' fàs.[8] B' e dream radaigeach Pròstastanach a bh' annta, a bha air am fuadachadh bho Irbhinn, o chionn 's gu robh iad a' dol an aghaidh creideamhan oifigeil na dùthcha.[9]
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.