From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile Ùr nan Stiùbhartach air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Baile MhicIllFhaolain[1] (Beurla: Balmaclellan). Tha e suidhichte aig 85m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975), eadar Gall-Ghàidhealaibh Nuadh agus Clachan Eòin, ri taobh an Uillt Aquavitae.[3] Tha e 33km air falbh bho Dhùn Phrìs, 85km bho Glaschu, 62km bhon An t-Sròn Reamhar agus 111km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Tha dìreach 140 duine a' fuireach anns a' bhaile[5] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile MhicIllFhaolain. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas.
Baile MhicIllFhaolain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Chille Chùithbeirt |
Parraist | Baile MhicIllFhaolain |
Co-chomharran | 55° 05′ 16" Tuath 04° 06′ 46" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 140 (2011) |
Àireamh fòn | 01644 |
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e cinnteach gur ann à baile, mac, gille agus faolan anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chùithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[6] Tha cuid dhen bheachd gu robh an cànan fhathast beò ro 1700.[7]
Tha e comasach gun robh an ainm Cuimris Treuercarcou air Baile MhicIllFhaolain san 13mh linn.[8] Thathar air ball-ceàirde Ceilteach neo dhà a lorg san sgìre agus chleachdadh an t-seann ainm aig ìre oifigeil gu ruige an 13mh Linne agus thogadh daingneach Ghàidhealach san 12mh Linn a thug ainm dhan bhaile. Chruthaich Uilleam MacIllFhaolain Caisteal Barscobe an seo ann an 1648,[9] fear dhe na taigh-tùir mu dheireadh a chuireadh air dòigh ann an Alba. Ri linn an Ath-Leasachaidh bha an t-suidheachadh gu math connspaideach agus bha mòr-chuid Pròstanach sa bhaile, a dh'aindeoin na dhèanadh an riaghaltas nan aghaidh. Tha beul-aithris a' cumail a' dol gun do rugadh bana-bhuidseach an seo, tè air an robh Eilispidh NicEòghain, a chuireadh gu bàs ann an Cille Chùithbeirt ann an 1698[10] agus gun do thìodhlacadh i taobh a-muigh na cille an seo.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.