From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e fear de na ceàrnaidhean na Spàinne a tha ann an Catalòinia [1] (Spàinntis: Cataluña; Catalanais: Catalunya; Aranese: Catalonha). Tha e suidhichte ann an ear-thuath na dùthcha. Tha crìochan aige sa tuath leis an Fhraing agus Andorra. Tha am Muir Meadhanach san àird an ear. San àird a tuath tha na Beanntan Pirineach, a' dol cho àrd ri 3000 meatair. Tha Catalòinia cho farsaing ri 32,114 cilemeatair ceàrnagach. Anns a' bhliadhna 2008 bha 7,210,508 duine de shluagh ann, le dlùths aig àireamh 222.16 duine gach km². Tha i na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd Parlament de Catalunya.
Catalòinia Catalunya
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Barcelona | ||||
Roinnean | Barcelona Girona Lleida Tarragona | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 32,114 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 7,210,508 (2008) | ||||
Dlùths | 224.53/km² | ||||
LTD | 255204 | ||||
Stèidhichte | 18 an t-Sultain 1979 | ||||
Duilleag oifigeil | http://web.gencat.cat/ |
Tha Catalanais , Spàinntis agus Aranais nan cànanan oifigeil.
Tha Barcelona na phrìomh-bhaile.
Tha ceithir sgìrean ann:
'S e roinn eachdraidheil a tha ann an Catalòinia, tha bratach Chatalòinia a’ dol air ais dhan 10mh linn. Mar sin tha togalaichean eireachdail eachdraidheil rim faicinn air feadh na dùthcha. Tha mòran bailtean ann a tha beairteach a thaobh àrsaidheachd agus dìleab dualchais, mar eisimpleir: Lleida, Tarragona, Girona agus Barcelona.
Tha trì puirt-adhair eadar-nàiseanta ann:
Ealain
Ceòl
Poileataigs
Creideamh
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.