From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e sagart, eachdraiche, eachdraiche ealaine, eadar-theangair agus ollamh a th' ann an Jaume Aymar i Ragolta (Barcelona, 28 an t-Sultain 1957. B' ann ann an 1993 a fhuair Aymar a dhotaireachd ann an eachdraidh an ealaine à Oilthigh Bharcelona.[1] Tha e na ollamh anns na Dàimhean Feallsanachd agus Saidheansan Conaltraidh aig Oilthigh Ramon Llull, far a bheil e a' teagasg eachdraidh, eachdraidh ealaine, eisteadaigeachd, ìomhaigheachd agus cùrsaichean mu na meadhanan airson luchd-teagaisg.[2] Eadar 1998 agus 2005, bha e na dheadhanach san Dàimh Fheallsanachd aig Oilthigh Ramon Llull. Bho 2008 tha Aymar air a bhith na riochdaire air Ràdio Estel (Gàidhlig: Rèidio Rionnag), a tha fo sgàil àrd-easbaigeachd Bharcelona, agus am foillseachan seachdaineil cultarail creideamhach Catalunya Cristiana (Gàidhlig: Catalòinia Chrìosdaidh).[3] Bho 1991 gu ruige 2014 bha e na reachdaire sa pharraist Sant Francesc d'Assís (Gàidhlig: Naomh Prainnseas à Assisi), agus an eaglais Santa Maria (Gàidhlig: Moire Òigh) san aon bhaile.[4] A thaobh rannsachaidh, tha Aymar air iomadh leabhar agus aiste a sgrìobhadh, a bharrachd air taisbeanaidhean - an dà chuid mhaireannach is sealach - a chur air dòigh. B' ann ann an 1994 a stèidhich esan Ràdio Estel (106.6 FM). 'S e ceann-suidhe Fundació Catalunya-Amèrica (Gàidhlig: Fonndas Catalòinia-Aimearaga) a th' ann, a bhrosnaicheas an càirdeas eadar Catalòinia agus Na h-Aimearagan, agus tha e cuideachd na bhall-stèichichidh l'Àmbit d'Investigació i Difusió Maria Corral (Gàidhlig: An Raon Rannsachaidh agus Sgaoileadh Maria Corral). Ann an 2012 bha Aymar ainmeachadh na uchd-leanabh a' bhaile Calonge, ann am Baix Empordà. Aig deireadh a' bhliadhna 2012, fhuair e cliù air sgàth 's gun do dh'fhoillsich e teòiridh iontach a chanadh cha b' ann dìreach à Catalòinia ' s a bha Cristoforo Colombo ach à Calonge.[5] Mar àrd-shagart, tha e daonnan a' searmonadh co-bhall sìtheil eadar gach uile creideamh.[6]
Jaume Aymar i Ragolta | |||
---|---|---|---|
1998 - 2005 | |||
Beatha | |||
Breith | Barcelona, 1957 | ||
Dùthaich | Na Dùthchannan Catalanach | ||
Teaghlach | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Foghlam | |||
Foghlam | Oilthigh Bharcelona 1993) Doctor of Sciences in History of art (en) | ||
Cànain |
Catalanais Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | art historian (en) , eadar-theangair, eachdraiche agus ollamh | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.