From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus port cudromach air an àirde an ear-thuath na Spàinne a th’ ann Tarragona (IPA: tərə'ɣonə). Tha Tarragona suidhichte ri beulaibh na Mara Mheadhanach, aig 56m os cionn ìre na mara,[1] aig inbhir na h-aibhne Francolí.[2] Tha Tarragona 552km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 100km bho Bharcelona, am baile as motha agus prìomh-bhaile Chatalòinia.[3] Tha 140,323 daoine a’ fuireach ann an Tarragona,[4] an 6mh baile as motha ann an Catalòinia agus an 46mh baile na Spàinne.[5] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Tarragona a th’ann Tarragona cuideachd.
Tarragona
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Tarragona | ||||
Sgìre | Catalòinia | ||||
Co-chomharran | 41° 06' 56 Tuath 01° 14' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 62.35 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 140,323 (2008) | ||||
Dlùths | 2,250.57/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 977 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha Freumh-fhaclachd an àite seo. Tha beul-aithris na sgìre ag ràdh gur ann à Tarraho, mac Tubal anns a' Bhìobal a tha an t-ainm ach chan eil duine sam bi a' gabhail ri sin a-nis. Bha Strabo dhen bheachd gun d' fhuair am baile ainm rìgh na h-Èipheit, air an robh Taharqa.[6] A dh'aindeoin nan teòiridhean seo, tha e coltach gur ann à Tarqon (Gàidhlig: Dùn) ann am Foinìsis a tha e. Tha cruth na tìre a' gabhail ri sin leis gu bheil dùn nàdarra ann far a bheil Tarragona. Chaidh sin atharrachadh gu Tarraco no Arce Potens Tarraco ann an Laideann nuair a bha an sgìre fo bhuaidh nan Ròmanach.[7]
Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[8]
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Tarragona.[9] Cha thuit ach 560mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 613mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[10] - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.