'S e fear de na mòr-roinnean na Spàinne a tha ann Cantàbria (IPA: kan'taβɾja). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Santander a th' ann am prìomh-bhaile na roinne agus tha port-adhair ann siud cuideachd.[1] Tha Cantàbria aon-roinneil. 'S e Cantabria an 15mh cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 5,321 cilemeatair ceàrnagach, 1.27% na dùthcha. Anns a' bhliadhna 2009 bha 591,886 duine de shluagh ann,[2] le dlùths aig àireamh 111.2 duine gach km². ‘S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn ann an Cantabria. Tha i na coimhearsnachd fèin-riaghlaidh fo smachd an Parlamento de Cantabria. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Riaghlaidh aige.[3] Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha an Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[4]

Quick Facts Cur air cois, Laoidh ...
Cantàbria
Thumb
Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh
Cur air cois1982 Deasaich
LaoidhHimno a la Montaña Deasaich
DùthaichAn Spàinn Deasaich
Prìomh-bhaileSantander Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailAn Spàinn Deasaich
Roinn-tìdeUTC+01:00, UTC+02:00 Deasaich
Faisg air an uisgeCantabrian Sea Deasaich
Domhan-leud is -fhad Deasaich
Puing as àirdePeña Vieja Deasaich
Lowest pointsea level Deasaich
Oifis aig ceann an riaghaltaisPresidente of Cantabria Deasaich
Ceannard an riaghaltaisMaría José Sáenz de Buruaga Deasaich
A’ gabhail a-steachCentral Library of Cantabria Deasaich
Crìoch còmhla riPrionnsachd Asturies, Castilla y León, Dùthaich nam Basgach Deasaich
Na bha roimheProvince of Santander Deasaich
Language usedSpàinntis Deasaich
OccupantCantabrian people Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.cantabria.es/ Deasaich
Bratachflag of Cantabria Deasaich
Gearradh-armcoat of arms of Cantabria Deasaich
Economy of topiceconomy of Cantabria Deasaich
OpenStreetMap zoom level10 Deasaich
Roinn-seòrsa an deilbhCategory:Views of Cantabria Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of Cantabria Deasaich
Thumb
Close

Freumhan an ainm

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Anns an Spàinn tha mòran dhen bheachd - Joaquín González Echegaray nam measg[5] - gur ann à Kanto (Gàidhlig: clach) agus an t-iar-leaschanabr ann an t-seann cheiltis a th’ ann an t-aimn. Bheireadh sin Carraig dhuinn sa Ghàidhlig.[6] Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Canto (Gàidhlig: iomall)[7] leis gu bheil an sgìre faisg air a' mhuir. Bha àite eile ann am Breatainn air an robh Cantium. 'S ann à Ceiltis a tha mòran nan àinmean-àite san sgìre.[8]

Cruinn-eòlas

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Chantàbria, ann an ceann a tuath na roinne a-muigh Bizkaia. 'S e Valle de Villaverde an t-ainm a tha air.[9] Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 336 duine a' fuireach ann.

Iomraidhean

Ceangal a-muigh

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.