From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Norðurland eystra (Gàidhlig: Tìr an Ear-thuath).[1] Tha e suidhichte gu math tuath air Reykjavík, eadar Norðurland vestra, Suðurland agus Austurland. 'S e Akureyri a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]
Norðurland eystra | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Innis Tìle |
Prìomh-bhaile | Akureyri |
Siorrachdan Traidiseanta | Eyjafjarðarsýsla, Norður-Þingeyjarsýsla, Suður-Þingeyjarsýsla |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 22,695 km² |
Àireamh-shluaigh | 29,081 (2011) |
Dlùths | 1.28/km² |
Duilleag oifigeil | Norðurland eystra |
Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh Norðurland eystra gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Norðlendingafjórðungur/Eyfirðingafjórðungur le pìosan beaga ann an Austfirðingafjórðungur cuideachd.[3] 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Norðurland vestra gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]
Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] 'S e gu bheil dì-dhaoineachadh na trioblaid san roinn. Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh agus an uair sin aig toiseach na 21mh Linn.
Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
1920 | 14 222 | 15.06% |
1930 | 16 947 | 15.60% |
1940 | 19 769 | 16.26% |
1950 | 21 776 | 15.09% |
1960 | 22 449 | 12.52% |
1970 | 24 386 | 11.92% |
1980 | 27 703 | 11.98% |
1990 | 27 942 | 10.84% |
2000 | 28 181 | 9.89% |
2011 | 29 006 | 9.08% |
Tha trì seann shiorrachdan ann an Norðurland eystra: Eyjafjarðarsýsla, Norður-Þingeyjarsýsla agus Suður-Þingeyjarsýsla.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.