‘S e baile agus port ann an ceann a tuath Innis Tìle a th’ ann an Akureyri (IPA: aːkʰʏrˌeiːrɪ). Tha e suidhichte faisg air Húsavík, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Norðurland eystra (Roinn an Ear-Thuath), ri taobh Loch mara Eyjafjörður, 388km air falbh bho Reykjavík agus 429km bho Selfoss.[2] Tha 18,925 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an ceithreamh baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík, Kópavogur agus Hafnarfjörður 's a th' ann an Akureyri. Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air iasgach agus turasachd. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðausturkjördæmi.[4]
Akureyri
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Norðurland eystra | ||||
Co-chomharran | 65° 40' 53 Tuath 18° 5' 14 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 138 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 18,925 (2019) | ||||
Dlùths | 137.14/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Eachdraidh
Nochd an sgìre mu timcheall an locha san 50mh caibideil dhen Landnámabók, nuair a ràining fear air an robh Helgi bho Innse Gall an Alba.[5] Chaidh Akureyri fhèin a chlàradh airson a'chiad turais ann an 1562 nuair a chuireadh boireannach gu bàs airson adhaltranais. Chaidh baile a stèidheachadh an seo ann an 1778 agus fhuair e a chuis chòirichean ann an 1786. 'S e nach eil an loch fo dheigh idir sa gheamhradh ged a tha Akureyri dìreach 100km air falbh on Chearcall Artach.[6] B' ann an dèidh a' Chogaidh, nuair a dh'fhàg na daoine am fearann airson nam bailtean a thoisich Akureyri ri fhàs. Chaidh cathair-eaglais a thogail an seo ann an 1940, air a bheil Akureyrarkirkja.[7] Chaidh Oilthigh Akureyri (Innis-Tìlis: Háskólinn á Akureyri) fhosgladh an seo ann an 1987.[8] Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðvesturkjördæmi.
Freumh-fhaclachd
Tha an t-ainm a' ciallachadh Achadh an Rubha sa chànan aca, bho Akur (Achadh) agus Eyri (Rubha).
Daoine Ainmeil
- Jóhann Hafstein: (1915 - 1980): Neach-poileataigs.
- Viktor Arnar Ingólfsson (1955): Sgrìobhadair.
- Guðjón S. Brjánsson (1955): Neach-poileataigs.
- Jón Steindór Valdimarsson (1958) Neach-poileataigs.
- Logi Már Einarsson (1964): Ailtire agus neach-poileataigs
- Haraldur Benediktsson (1966): Neach-poileataigs
- Anna Kolbrún Árnadóttir (1970): Neach-poileataigs
- Jón Jósep Snæbjörnsson (1977): Ceòladair
Meadhanan
Bailtean Co-cheangailte
- Ålesund
- Gimli
- Lahti
- Murmansk
- Narsaq
- Randers
- Vágur
- Västerås
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.