eilean agus dùthaich anns an Roinn-Eòrpa From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle [1][2][3][4][5] neo Innis Tile[6][7] aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa. 'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle. 'S e Eaglais Innse Tìle an eaglais as treasa na dùthcha.
Lýðveldið Ísland | |
---|---|
Bratach |
Gearradh-arm |
Laoidh Nàiseanta | |
Lofsöngur | |
Cànan(an) oifigeil | Innis-Tìlis |
Prìomh-bhaile | Reykjavík |
Baile as motha | Reykjavík |
Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
Ceann-suidhe | Guðni Th. Jóhannesson |
Prìomh-mhinistear | Katrín Jakobsdóttir |
Ceann-suidhe Alþingi | Sturla Böðvarsson |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Danmhairg |
1 an Gearran 1904 |
Poblachd | 17 an t-Ògmhios 1944 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 103,000 km² (107mh) |
Uisge | 2.7 % |
Àireamh-shluaigh (2008) | |
Iomlan | 316,252 (172mh) |
Dlùths | 3,1/km² (233mh) |
LTD/CCC (2006) | |
gach pearsa | $40,277 (2005) (5mh) |
Roinn tìde | GMT (UTC+0) |
Ruith-airgid | Icelandic króna |
Prìomh àrainn-lìn | .is |
Còd Àireamh fòn | 354 |
'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach.[8] 'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:[9]
Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi
(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)
Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealachd a bh' ann o shin.
B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.
Tha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.
'S ann ann an ochd roinnean a tha Innis Tìle air a sgarradh airson adhbharan staitistigeil, ged a thathar a' riaghladh na dùthcha aig ìre ionadan cathrach (Innis Tìlis: Sveitarfélag). Cithear, mar a leanas, liosta nan roinnean agus an uiread dhaoine a tha a' fuireach ann, a bharrachd air farsaingeachd na tìre:
Roinn | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta | Farsaingeachd |
---|---|---|---|
Austurland | 15,300 | 4,41 % | 22,721 km² |
Höfuðborgarsvæðið | 222,590 | 63,32 % | 1,042 km² |
Norðurland eystra | 29,081 | 9.08% | 22,695 km² |
Norðurland vestra | 7,810 | 2.31% | 12,737 km² |
Suðurland | 23,211 | 7,46 % | 24,256 km² |
Suðurnes | 27,113 | 6,60 % | 829 km² |
Vestfirðir | 7,309 | 2.32% | 9,409 km² |
Vesturland | 15,025 | 4,84% | 9,522 km² |
'S ann làidir 's a tha traidisean sgrìobhaidh ann an Innis Tìle. Bhuannaich Halldór Laxness an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1955 agus bidh rudeigin mar aon duine thar 10 a sgrìobhas leabhar.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.