From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e prìomh-bhaile Libia a tha ann an Tripoli (Arabais: طرابلس Ṭarābulus - cuideachd: طرابلس الغرب Ṭarā-bu-lus al-Gharb[1], neo Cànan Libianach: Ṭrābləs). Thàinig am facal Tripoli bhon fhacal Greugach:(Τρίπολη). Tha am baile suidhichte 'san iar-thuath na dùthcha aig oir an fhàsaich aig cladach a’ Mhuir Mheadhanach agus faisg air crìoch Tuinisia. Anns a’ bhliadhna 2004 bha mu 1.68 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Tripoli 514km air falbh bho Thunis (Tuinisia), 1,019km bho Algiers (Aildiria), 2,439km bho Niamey (Nìgeir), 2,318km bho N'Djamena (An t-Siad), 2,738km bho Khartoum (Sudan) 372km bho Shirte agus 1,740km bho Chairo (An Èipheit).[2] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 10m os cionn ìre na mara.[3]
Tripoli طرابلس | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Libia |
Ceàrn | Tripoli Sha'biyah |
Co-chomharran | 32° 54’ 8” Tuath 13° 11’ 9” Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 400 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,682,000 (2004) |
Dlùths | 4,205/km² |
Duilleag oifigeil | http://www.tripoli.info |
'S e Tripoli am baile as motha a tha ann an Libia. Cuideachd tha am port-mara as cudthromaiche aige. Mar sin dheth ‘s e teas meadhan gnìomhachail agus cridhe malairteach a th’ ann. Chaidh Tripoli a stèidheachadh anns an 7mh linn RC leis na Phoenicians. Bhon 2na linn RC bha am baile fo smachd nan Ròmanaich. Ach chan eil mòran ri fhaicinn bho àm seo ach an Arch of Marcus Aurelius, a chaidh a togail anns an 2na linn.
Tha oilthighean ann an Tripoli cuideachd:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.