Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e prìomh-bhaile na h-Eileanan Mhoiriseas a tha ann am Port Louis. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 147,688 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth ‘s e Port Louis am baile as motha a tha anns an dùthaich cuideachd. Tha am baile suidhichte air cladach a' Chuan Innseanach, agus tha am port-mara as cudthromaiche den dùthaich aige. Tha Port Louis 1,742km air falbh bho Victoria (Na h-Eileanan Sheiseall), 1,055km bho Antananarivo (Madagascar), 1,789km bho Moroni (Na h-Eileanan Chomoro), 2,624km bho Mhaputo (Mozambique), agus 3,879km bho Cholombo (Sri Lanca).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 133m os cionn ìre na mara.[2]
Port Louis | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | na h-Eileanan Mhoiriseas |
Co-chomharran | 20°10’ Deas 57° 31’ Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 42.7 km² |
Àireamh-shluaigh | 147,688 (2003) |
Dlùths | 3,458.74/km² |
Duilleag oifigeil | mpl.intnet.mu/home.htm |
Chaidh am baile a stèidheachadh leis na Fraingis anns a’ bhliadhna 1735 mar port-mara airson na bàtaichean aca, a bha a’ seòladh timcheall air Cape of Good Hope. Thag iad ainm a’ bhaile airson urram a thoirt don Rìgh Louis XV.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.