Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e prìomh-bhaile Ghabon a tha ann an Libreville. Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Ghabon, tha port aig a’ bhaile. 'S e seo an co-chomharran aige: O° 23’ 24” Tuath agus 9° 27’ Ear. Tha Libreville 381km air falbh bho Mhalabo (Gini Mheadhan-Chriosach), 450km bho Yaoundé (Camarun), agus 829km bho Brazzaville (A' Chongo).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig ìre na mara.[2]
Libreville | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Gabon |
Sgìre | Estuaire |
Co-chomharran | 00° 23 24' Tuath 09° 27 15' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 578,156 (2005) |
Anns a' bhliadhna 1960 bha dìreach 31,000 duine a' fuireach an seo. Ach an dèidh neo-eisimeileachd Ghabon, dh’ fhàs am baile nas motha gu math luath, gus mu dheireadh thall bha 578,156 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin 2005. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh mar àite malairt agus dùn (fort d'Aumale) anns a' bhliadhna 1843. B’e sin an t-àite far an robh na traillean a’ feitheamh airson a bhith a ‘toirt thall thairis gu Aimearaga. Ach anns a’ bhliadhna 1848, nuair a fhuair cuid de na traillean saorsa,thòisich iad a' fuireach an seo. Mar sin dh’atharraich ainm a' bhaile gu Libreville (Fraingis: “baile saor”)
'S e seo na roinnean as cudtromaiche den bhaile (bho tuath gu deas)
'S e Libreville International Airport am port-adhair as motha ann an Gabon, tha e suidhichte mu 11 cilemeatair san taobh tuath a’ bhaile.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.