Tarragona (provincia)
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Tarragona (IPA: tərəˈɣonə). Tha e na laighe ann an Catalòinia, air an àirde an ear-thuath na dùthcha. 'S e Tarragona a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chatalòinia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Tarragona fad 6,303km²[3] agus tha 811,401 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 39mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 18mh tè a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochain aice le Barcelona, Lleida, Teruel, Zaragoza agus Castelló.[5] 'S e Catalanais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
Tarragona
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Tarragona | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 6,303 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 811,401 (2014) | ||||
Dlùths | 128.73/km² | ||||
Àireamh fòn | + (977) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |