![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/4/4e/Constitution-francaise-1791.png/640px-Constitution-francaise-1791.png&w=640&q=50)
Bun-reachd
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha Bun-reachd a' ciallachadh am bun-stèidheachadh laghail agus poileataigeach a tha aig gach uile Stàit. Chan eil Bun-reachd sgrìobhte ann an Alba agus Breatann: 'S e liosta dhe cheachdaidhean agus tachartasan eachdraidheil a th' ann am Bun-reachd againn. Tha iomadh dhùthaich air Bun-Reachd a chur air dòigh an dèidh an cuid neo-eisimeileachd fhaighinn bho na h-ùghdarrasan co-àiteachail a bha os an cionn o shean: Seo an suidheachadh ann an Èirinn, ann an Nigeria neo anns na Stàitean Aonaichte. Chaidh bun-reachd tràth a sgrìobhadh anns a' Cho-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia, còmhla ri monarcachd bhun-reachdail. A bharrachd air sin, tha tòrr dhùthchannan ann a chuir Bun-reachd air bhog an dèidh Cogadh sìobhalta neo ar-a-mach, mar An Fhraing.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/4/4e/Constitution-francaise-1791.png/640px-Constitution-francaise-1791.png)