From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e prìomh-bhaile Dùthaich nan Suasaidh a tha ann am Mbabane. Anns a’ bhliadhna 2003 bha mu 70,000 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha e suidhichte air bruach Abhainn Mbabane anns na Beanntan Mdimba. 'S e seo an co-chomharran aige: 26° 19’ Deas agus 31° 08’ Ear. Tha Mbabane 305km air falbh bho Phretoria (Afraga-a-Deas), 490km bho Mhaseru (Leasoto) agus 150km bho Mhaputo (Mòsaimbic).[1] Tha e suidhichte air an àirde an iar na dùthcha, aig 1,156m os cionn ìre na mara.[2]
Mbabane | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Dùthaich nan Suasaidh |
Ceàrn | Hhohho |
Co-chomharran | 26° 19 00' Deas 31° 08 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 61,794 (2010) |
Àireamh fòn | + 268 2 |
Duilleag oifigeil | http://www.mbabane.org.sz |
Dh’fhàs am baile nas motha, nuair a dh’imrich an t-ionad rianachail bho Manzini gu Mbabane ann an 1902. Tha mèinnean cudthromach le stàin agus iarann faisg air a’ bhaile. Tha roinn na turasachd gu math làidir cuideachd. Tha am Waterford-KaMhlaba United World College suidhichte ann am Mbabane.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.