From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e prìomh-bhaile Gini Mheadhan-Chriosach a tha ann am Malabo. Ged a tha am pàirt as motha den dùthaich suidhichte air tìr mhòr Afraga, tha Malako suidhichte 'san taobh tuath air an eilean Bioko. Tha Malabo 609km air falbh bho Abuja (Nìgeiria), 450km bho Yaoundé (Camarun), agus 303km bho Libreville (Gabon).[1] Tha e suidhichte aig 111m os cionn ìre na mara.[2] 'S e seo an co-chomharran aige: 3° 45’ Tuath agus 8° 47’ Ear.
Cur air cois | 1827 |
---|---|
Ainm oifigeil | Malabo |
Ainm dùthchasach | Malabo |
Ainmichte às dèidh | Malabo Lopelo Melaka |
Cànan oifigeil | Bube, Spàinntis |
Dùthaich | Gini Mheadhan-Chriosach |
Prìomh-bhaile de | Gini Mheadhan-Chriosach, Bioko Norte, Spanish Guinea, Insular Region, District of Malabo |
Sgìre riaghaltais ionadail | District of Malabo |
Roinn-tìde | UTC+01:00 |
Faisg air an uisge | Gulf of Guinea |
Domhan-leud is -fhad | |
Baile-céile | Guadalajara, Madrid |
A’ gabhail a-steach | Malabo Stadium |
Làrach-lìn | http://www.ayuntamientodemalabo.com/ |
Category for maps | Category:Maps of Malabo |
Anns a’ bhliadhna 1827 chaidh am baile a stèidheachadh leis na Breatannaich le Port Clarence mar ainm. Nuair a bha an t-eilean fo smachd na Spàinntis, dh'atharraich iad an t-ainm gu Santa Isabel. Anns a’ bhliadhna 1973 chuir an ceann-suidhe Francisco Macías Nguema an t-ainm Malabo air a’ bhaile. Bha esan ag iarraidh ainm Afraganach an àite ainm Eòrpach. Tha port-adhair eadar-nàiseanta aige: Malabo International Airport. Tha bàtaichean-aiseig a’ dol gu Douala agus gu Bata bhon phort-mara Mhalabo.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.